• Skip to primary navigation
  • Skip to main content
  • Gàidhlig
    • Gaeilge
    • English (Beurla)
Colmcille 1500 Logo - full colour - large - PNG

Colmcille

Colmcille

  • Dachaigh
  • Mu Dheidhinn
  • Naidheachdhan
  • Maoineachadh
  • Slighe Chaluim Chille
  • Goireasan
    • Sgeulachdan Colmcille
    • Foghlam
  • Cuir Fios
  • Show Search
Hide Search

Uncategorized @gd

Gairm airson Co-obrachadh

Brian Ó hEadhra · 17 An t-Samhain 2020 ·

Tha an neach-ealain làmh-sgrìobhainnean, Thomas Keyes, ag iarraidh ri co-obrachadh le sgrìobhadair Gàidhlig agus tagradh airson Duais Dìleab Colmcille 1500. Barrachd fiosrachaidh an seo.

Duais Dìleab Chaluim Chille / The Colmcille Legacy Award

Brian Ó hEadhra · 2 An t-Sultain 2020 ·

’S e sgeama maoineachaidh nàiseanta beag a tha ann an Duais Dìleab Chaluim Chille / The Colmcille Legacy Award, a chaidh a chruthachadh ann an com-pàirteachas le Bòrd na Gàidhlig agus CHARTS gus beatha is dìleab chultarail Chaluim Chille a chomharrachadh tro Bhliadhna Cholmcille 1500.

Bidh am pròiseact a’ tairgsinn dhuaisean ealain gach mìos agus taisbeanadh air-loidhne gus àite is taic a thoirt do dh’obair luchd-ealain na Gàidhlig, a bhuineas do cuspairean Chaluim Chille. Airson fiosrachaidh mu Bhliadhna Chaluim Chille, faicibh: https://colmcille.net/ ’S e pròiseact didseatach a tha seo a dhèiligeas ris na dùbhlain a tha romhainn air adhbhar astarachaidh shòisealta mar thoradh air Covid-19 aig àm cur a’ dol Chaluim Chille 1500.

Tha an sgeama maoineachaidh a’ comharrachadh, a’ cuimhneachadh is a’ mìneachadh an àite a bha aig Calum Cille san latha an-dè agus ann an comann an latha an-diugh. Ag amas a bhith a’ cur taic ri iomadh diofar mheadhan ealain, bidh fàilte air luchd-ealain iarrtasan a chur a-steach airson pìosan ùra, no tro bhith a’ cur air adhart obair a th’ agaibh marthà, le ceangal do bheatha is dìleab Chalum Chille.

’S e am prìomh amas ealain is cultar na Gàidhlig a rùrachadh is a chomharrachadh tro bhith a’ cur gu feum raon de mheadhan ealain is cuspairean a bhuineas do Chalum Cille, a nochdar ann an dòigh bhuannachdail ann an co-theacs nam meadhanan eileagtronaigeach, airloidhne.

Tha dà sheòrsa dhuais rim faighinn:

  • Suas ri 18 duaisean ealain do luchd-ealain a’ fuireach ann an Alba
  • Duais Dhualchais a bhios ri buannachadh do neach/luchd-ealain a’ fuireach ann an sgìre Earra-Ghàidheal agus Bhòid a-mhàin

Tha sinn ag amas air cha mhòr aon dhuais a thoirt seachad aig gach ìre do neach òg, eadar 16-26 bliadhna.

Cinn-latha nan Iarrtasan Duais Slighe an Dualchais – 31 an Iuchar 2020

Duaisean Ealain – ’S urrainnear a’ cur a-steach airson duais aig àm sam bith suas gu 2021. Tha 18 duaisean rim faighinn

Duais Dìleab Chaluim Chille/Colmcille Legacy Award – Catriona Patience

Seo neach-ealain Catriona Patience a fhuair maoin airson pròiseact ealain ùr bhon sgeama Duais Dìleab Chaluim Chille le CHARTS (maoin bho Bhòrd na Gàidhlig).

Céilí na nGael | Cèilidh nan Gàidheal

Brian Ó hEadhra · 2 An t-Sultain 2020 ·

Fàilte oirbh don chiad Cèilidh nan Gàidheal air loidhne far an coinnich luchd-labhairt na Gàidhlig is na Gaeilge air Zoom airson beagan ceòl, cainnt is craic fhaighinn còmhla ann an cànain nan Gàidheal.

09/09/20. 8f. Cleachd an ceangal seo airson faighinn a-steach ann. https://us02web.zoom.us/j/7717224360.

Ma tha sibh dìreach airson coimhead, rach dhan duilleag www.facebook.com/colmcille1500

Fáilte go dtí an chéad Céilí na nGael ar líne ina mbuailfidh cainteoirí Gàidhlig agus Gaeilge le chéile ar Zoom le haghaidh roinnt ceoil, cainte agus craic sna teangacha Gaelacha.

09/09/20. 8pm. Bain úsáid an nasc seo chun rochtain a fháil air https://us02web.zoom.us/j/7717224360.

Mura dteastaíonn uait ach féachaint, téigh chuig an suíomh

www.facebook.com/colmcille1500

#gaeilge #lechéile #gàidhlig #cleachdi #céilí #cèilidh #colmcille1500

Columba – The Faith of an Island Soldier

Brian Ó hEadhra · 19 An Lùnastal 2020 ·

Chaidh an leabhar “Columba – Faith of an Island Soldier” le Bruce Ritchie fhoillseachadh an-uiridh. Seo bhidio ghoirid mun obair.

Bàird an Latha An-diugh: Le Sruth Líonta

Brian Ó hEadhra · 27 An t-Iuchar 2020 ·

Fèis Ealain Earagail, Colmcille & Eoghan Mac Giolla Bhríde a’ cuir an làthair… Bàird an Latha An-diugh: Le Sruth Líonta

Nach tig sibh còmhla rinn air turas-cuain air curach na fèise. Bidh Eoghan Mac Giolla Bhríde a’ tarraing nan ràmh ‘s e a’ stiùireadh na slighe dhuinn. Còmhla ri chèile thèid sinn air turas le bàird agus luchd-ealain à cladaichean na h-Alba ‘s na h-Èireann. Còmhla rinn tarsainn nan tonn bidh na bàird Ròna Dhòmhnallach, Máire Dinny Wren, Rody Gorman agus GilleBrìde MacIlleMhaoil cho math ris an neach-ealain Kim Sharkey. Comharrachadh farsaing air an Lìon den mhuir agus den ealain a tha gar toirt còmhla. Feuch am bi sibh leinn air a’ bhòidse bhàrdail seo.

Bidh Fèis Ealain Earagail, prìomh thachartas samhraidh Dhùn nan Gall a’ toirt thugaibh fèis dhùmhlaichte ath-shamhlaichte de Srutháin (Sruthan Beaga), 9 gu 26 Iuchar, sreath 18-latha de thaisbeanaidhean air-loidhne agus rèidio, ealain eadar-ghnìomhach, clasaichean àrd-ìre, agus theatre pop-up.

  • « Go to Previous Page
  • Page 1
  • Interim pages omitted …
  • Page 5
  • Page 6
  • Page 7
  • Page 8
  • Go to Next Page »

Cuir fios thugainn

Cuir Fios Thugainn

Èirinn

Foras na Gaeilge
2-6 Sràid na Banrighinn, Beul Feirste,
BT1 6ED
028 9089 0970


Alba

Bòrd na Gàidhlig
Taigh a' Ghlinne Mhòir, Inbhir Nis,
IV3 8NW
+44 (0)1463 225454

Bruidhinn rinn

Bruidhinn rinn

Tha sinn a' cur fàilte air beachdan agaibh agus bu mhath leinn fios fhaighinn air pròiseactan is tachartasan agaibh.

#colmcille #colmcille1500



© Colmcille 2026