• Skip to primary navigation
  • Skip to main content
  • Skip to primary sidebar
  • Gàidhlig
    • English (Beurla)
    • Gaeilge
Colmcille 1500 Logo - full colour - large - PNG

Colmcille

Colmcille

  • Dachaigh
  • Mu Dheidhinn
  • Naidheachdhan
  • Maoineachadh
  • Slighe Chaluim Chille
  • Goireasan
    • Sgeulachdan Colmcille
    • Foghlam
  • Cuir Fios
  • Show Search
Hide Search

Mu Dheidhinn

Tha Colmcille na iomairt chom-pàirteach eadar Foras na Gaeilge ann an Èirinn agus Bòrd na Gàidhlig ann an Alba. Tha e a’ brosnachadh conaltradh is co-obrachadh eadar Gàidheil na h-Alba agus na h-Èireann.

Is e amas Cholmille luchd-labhairt na Gàidhlig is na Gaeilge a thoirt còmhla:

a) Faighinn a-mach mu dheidhinn agus eòlas fhaighinn air a chèile, air na cànanan, air a’ chultar agus air an dualchas b) èisteachd gu domhainn ri chèile agus na traidiseanan cultarail aca a cho-roinn eatarra. c) fiosrachadh a cho-roinn agus co-obrachadh còmhla d) Togail mothachadh mun àrainneachd nàdarra, fiosaigeach agus cultarail far a bheil iad a’ fuireach, agus slàinte is leas nan cànanan Gàidhealach a thoirt air adhart mar phàirt den àrainneachd sin e) co-obrachadh le luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Canada agus le luchd-labhairt Gàidhlig Mhanainneach

Is e a bhith ag obair ann an com-pàirteachas bunait ar n-obrach tro Cholmcille; bidh e ag àrdachadh càirdeas agus dàimhean agus a’ togail structaran anns am faod daoine co-obrachadh. Bidh Colmcille ag obair tro sgeamaichean tabhartais agus tro bhith a’ làimhseachadh agus a’ tòiseachadh phròiseactan.

A-mach às a’ cheangal eadar luchd-labhairt an dà chànain, tha e comasach slighe chumanta a thogail. Gu tric chithear rudan aig a bheilear eòlach ann an dòigh ùr, eadar-dhealaichte, gun a bhith na bhagairt ort. Togaidh sinn àite ùr airson Gaeilge is Gàidhlig: neart ann an iomadachd.

Faodar ro-innleachd Colmcille airson 2019 – 2021 a luchdadh a-nuas an seo.

Faodar mapa Chaluim Chille (2011) a luchdadh a-nuas an seo.

Faodar Logo Chaluim Chille 1500 a luchdadh a-nuas an seo

Primary Sidebar

News

  • Première Film: Calman nan Loch, 9 an Dùbhlachd, An Lanntair, Steòrnabhagh.
  • Laa Columb Cilley
  • Saoil mura robh bàird idir ann…
  • £88k ga chur gu pròiseactan Colmcille

Cuir fios thugainn

Cuir Fios Thugainn

Èirinn

Foras na Gaeilge
2-6 Sràid na Banrighinn, Beul Feirste,
BT1 6ED
028 9089 0970


Alba

Bòrd na Gàidhlig
Taigh a' Ghlinne Mhòir, Inbhir Nis,
IV3 8NW
+44 (0)1463 225454

Bruidhinn rinn

Bruidhinn rinn

Tha sinn a' cur fàilte air beachdan agaibh agus bu mhath leinn fios fhaighinn air pròiseactan is tachartasan agaibh.

#colmcille #colmcille1500



© Colmcille 2023