• Skip to primary navigation
  • Skip to main content
  • Gàidhlig
    • Gaeilge
    • English (Beurla)
Colmcille 1500 Logo - full colour - large - PNG

Colmcille

Colmcille

  • Dachaigh
  • Mu Dheidhinn
  • Naidheachdhan
  • Maoineachadh
  • Slighe Chaluim Chille
  • Goireasan
    • Sgeulachdan Colmcille
    • Foghlam
  • Cuir Fios
  • Show Search
Hide Search

Brian Ó hEadhra

£88k ga chur gu pròiseactan Colmcille

Brian Ó hEadhra · 4 An Giblean 2022 ·

Tha Bòrd na Gàidhlig (BnG) toilichte a ràdh gu bheil iad a’ cur £88,880 gu 10 pròiseact agus gu 3 luchd-ionnsachaidh na Gaeilge tro sgeama taic-airgid Colmcille.

’S e com-pàirteachas eadar Foras na Gaeilge ann an Èirinn agus Bòrd na Gàidhlig ann an Alba a th’ ann an sgeama Colmcille. Bidh e a’ brosnachadh conaltradh agus co-obrachadh eadar coimhearsnachdan cànain na Gàidhlig agus na Gaeilge.

Ann an 2022 bidh sinn a’ comharrachadh dìleab Bliadhna Cholmcille 1500 le tachartasan is pròiseactan sònraichte.

Tha taic-airgid ri fhaighinn gus taic a chumail ri pròiseactan a bheir luchd-labhairt na Gàidhlig is Gaeilge còmhla, agus cuideachd airson taic a chumail ri luchd-labhairt na Gàidhlig a tha airson cùrsa Gaeilge a dhèanamh.

Am-bliadhna, tha sinn a’ cur taic ri triùr a tha airson cùrsaichean cànain a dhèanamh ann an Gaeilge agus sinn cuideachd air taic a chur ri 10 diofar phròiseact a tha ag amas air ceanglaichean a neartachadh eadar Alba agus Èirinn. Nam measg, tha Urras Coimhearsnachd Bhràdhagair agus Àrnoil (UCBA) ann an Leòdhas agus an iomairt acasan, Ceangal2022. Mar phàirt den iomairt aca, tha iad an dùil turas iomlaid a chur air dòigh le muinntir Chiarraí gus eòlas a thogail air cleachdaidhean an dà choimhearsnachd.

Thuirt Murchadh Moireasdan, Oifigear Coimhearsnachd UCBA: “Tha sinne gu math toilichte agus taingeil an taic seo fhaighinn airson ceanglaichean eadar-nàiseanta a thogail eadar ar coimhearsnachd fhìn air Taobh Siar Leòdhas agus muinntir Conntaidh Chiarraí. Leis an iomairt seo tha sinn gu bhith a’ coimhead air ceanglaichean coimhearsnachd, cànan, cultar, foghlam, na h-ealain is eile a stèidheachadh.”

Thèid taic a thoirt do phròiseactan air feadh na dùthcha agus pròiseactan ann an iomadach diofar roinn leithid Taigh-tasgaidh Ceilteach Eco san Eilean Sgitheanach, pròiseact bàrdachd stèidhichte ann an Dùn Èideann, iomain do dh’oigridh ann an Alba agus Èirinn agus pròiseact timcheall air ceanglaichean turasachd air a’ Ghaidhealtachd nam measg.

Thuirt Brian Ó hEadhra, Manaidsear nan Com-pàirteachasan is Maoineachaidh aig Bòrd na Gàidhlig: “Tha e a toirt toileachas mhòr dhuinn an taic seo a chur do bhuidhnean a tha a’ togail cheanglaichean le ar caraidean ann an Èirinn.  Tha Sgeama Colmcille air a bhith a’ ruith fad bhliadhnaichean agus e a’ sealltainn cho cudromach ’s a tha na ceanglaichean seo.  Tha e brosnachail cuideachd iarrtasan fhaicinn gach bliadhna bho dhaoine aig a bheil a’ Ghàidhlig a tha airson Gaeilge ionnsachadh agus na ceanglaichean cànain ud a neartachadh.”

Bha an sgeama fosgailte airson 13 seachdainean eadar 10 Samhain 2021 agus 10 Gearran 2022.  Tha an sgeama bho thaobh Foras na Gaeilge fosgailte gu 20 Giblean agus gheibhear barrachd fiosrachaidh an seo.

Tha liosta iomlan de na pròiseactan soirbheachail ri faighinn an-seo. 

‘Colm’ – turas eileanach còmhla ri Calum Cille

Brian Ó hEadhra · 15 An Gearran 2022 ·

https://www.youtube.com/watch?v=7AR2msqhSLA
https://www.nts.org.uk/stories/colm-an-island-journey-with-st-columba

Anns a’ 1500mh ceann-bliadhna bho rugadh Calum Cille, chleachd Fiona, Tasglannaiche Taigh Chanaigh, tasglann Chanaigh gus na ceanglaichean eadar Canaigh, Eilean Leòdhais agus eileanan Ghaeltacht na h-Èireann a rannsachadh. Le taic bho Bòrd na Gàidhlig (Colmcille) and NTS.

Comharradh-tìre an Òbain air a sgeadachadh ann an clò de dh’iomadh dath

Brian Ó hEadhra · 8 An t-Ògmhios 2021 ·

Thèid an tùr ainmeil McCaig ann am baile turasachd an Òbain a lasadh air 9 Ògmhios 2021 le a’ taisbeanadh obair ealain le naoi diofar luchd-ealain.

Tha gach neach-ealain air maoineachadh fhaighinn bho Duais Dìleab Colmcille – sgeama a chaidh a chruthachadh le Bòrd na Gàidhlig agus Seanadh Cultar, Dualchas is Ealain, Earra-Ghàidheal is Eileanan (CHARTS) gus beatha agus dìleab chultarach Naomh Colm Cille a chomharrachadh mar phàirt de Bhliadhna Colmcille 1500.

Airson tuilleadh fiosrachaidh tadhal air làrach-lìn CHARTS.

Alleluia Naomh Calum Cille (Columba)

Brian Ó hEadhra · 25 An Cèitean 2021 ·

Prògram TBh BBC ALBA a’ moladh Calum Cille ann an seinn. Ri fhaighinn air BBC iPlayer.

Iain MacFhionghain aig Eaglais na h-Aoidhe anns an Rubha ann an Leòdhas le prògram spioradail de laoidhean agus leughaidhean a’ comharrachadh Naomh Calum Cille. Cluinnear dàin spioradail air an clàradh as ùr agus cuideachd feadhainn bhon tasglann a chaidh a chlàradh beagan bhliadhnaichean air ais uile mu bheatha Naomh Calum Cille.

Màiri Anna NicUalraig a’ seinn Eadar-Thìr, Eilidh NicCarmaig le O, Chaluim Chille agus Iain Eòsaph MacNèill a’ seinn Earal Eòdhnain. Cuideachd, bidh an t-Urr Dòmhnall Mìcheal MacAonghais agus Canon Seumas MacNèill a’ taghadh leughaidhean agus a’ treòrachadh tron Bhìoball.

Maoineachadh air a thoirt seachad gus Colmcille ath-bheothachadh air feadh Dhùn nan Gall agus Doire

Brian Ó hEadhra · 17 An Cèitean 2021 ·

Shoirbhich le ochd-deug pròiseact ann an sgìrean na Comhairle ann an Doire, Srath Bhàin agus Dùn nan Gall a’ comharrachadh eachdraidh, ceòl, dràma, litreachas, ealain agus beul-aithris Cholmille a’ faighinn maoineachadh a chaidh a thoirt seachad mar phàirt de Sgeama Tabhartais. Pobail Cholmcille 1500, sgeama a chaidh a chuir air bhog san Fhaoilleach 2021 .

Tha an sgeama mar phàirt de chomharrachadh 1500 bliadhna bho Cholm Cille a tha a’ comharrachadh 1500 bliadhna bho rugadh Colmcille (ris an canar cuideachd Columba).

Tha a’ bhliadhna ag aithneachadh cho cudromach agus a bha dìleab an naoimh a bha beò san 6mh linn, chan ann a-mhàin airson Doire agus Dùn nan Gall ach airson Èirinn, Alba agus an saoghal. Bidh an comharrachadh bliadhnail a’ ruith bho 7 Dùbhlachd 2020 gu 7 Dùbhlachd 2021.

Fhuaireadh còrr air 70 tagradh airson an sgeama tabhartais agus fhuair na 18 tagraichean soirbheachail tabhartasan de €2,000 no £1,800 mar phàirt de chomharrachadh 1500 a chaidh a chumail ann an 2021.

A’ cur fàilte air duais an tabhartais, thuirt Deirdre Harte, Manaidsear Pròiseact Colmcille 1500, gun toir na tagraichean soirbheachail dualchas Colmcille beò tro dhiofar chuspairean a’ toirt a-steach eachdraidh, ceòl, dràma, litreachas, ealain, arc-eòlas, spioradalachd, sgeulachdan agus beul-aithris.

.

.

.

.

.

.

.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu na gnìomhan a tha san amharc airson tadhal www.colmcille1500.com

  • Page 1
  • Page 2
  • Page 3
  • Page 4
  • Go to Next Page »

Cuir fios thugainn

Cuir Fios Thugainn

Èirinn

Foras na Gaeilge
2-6 Sràid na Banrighinn, Beul Feirste,
BT1 6ED
028 9089 0970


Alba

Bòrd na Gàidhlig
Taigh a' Ghlinne Mhòir, Inbhir Nis,
IV3 8NW
+44 (0)1463 225454

Bruidhinn rinn

Bruidhinn rinn

Tha sinn a' cur fàilte air beachdan agaibh agus bu mhath leinn fios fhaighinn air pròiseactan is tachartasan agaibh.

#colmcille #colmcille1500



© Colmcille 2026