’S e sgeama maoineachaidh nàiseanta beag a tha ann an Duais Dìleab Chaluim Chille / The Colmcille Legacy Award, a chaidh a chruthachadh ann an com-pàirteachas le Bòrd na Gàidhlig agus CHARTS gus beatha is dìleab chultarail Chaluim Chille a chomharrachadh tro Bhliadhna Cholmcille 1500.
Bidh am pròiseact a’ tairgsinn dhuaisean ealain gach mìos agus taisbeanadh air-loidhne gus àite is taic a thoirt do dh’obair luchd-ealain na Gàidhlig, a bhuineas do cuspairean Chaluim Chille. Airson fiosrachaidh mu Bhliadhna Chaluim Chille, faicibh: https://colmcille.net/
’S e pròiseact didseatach a tha seo a dhèiligeas ris na dùbhlain a tha romhainn air adhbhar astarachaidh shòisealta mar thoradh air Covid-19 aig àm cur a’ dol Chaluim Chille 1500.
Tha an sgeama maoineachaidh a’ comharrachadh, a’ cuimhneachadh is a’ mìneachadh an àite a bha aig Calum Cille san latha an-dè agus ann an comann an latha an-diugh. Ag amas a bhith a’ cur taic ri iomadh diofar mheadhan ealain, bidh fàilte air luchd-ealain iarrtasan a chur a-steach airson pìosan ùra, no tro bhith a’ cur air adhart obair a th’ agaibh marthà, le ceangal do bheatha is dìleab Chalum Chille.
’S e am prìomh amas ealain is cultar na Gàidhlig a rùrachadh is a chomharrachadh tro bhith a’ cur gu feum raon de mheadhan ealain is cuspairean a bhuineas do Chalum Cille, a nochdar ann an dòigh bhuannachdail ann an co-theacs nam meadhanan eileagtronaigeach, airloidhne.
Tha dà sheòrsa dhuais rim faighinn:
- Suas ri 18 duaisean ealain do luchd-ealain a’ fuireach ann an Alba
- Duais Dhualchais a bhios ri buannachadh do neach/luchd-ealain a’ fuireach ann an sgìre Earra-Ghàidheal agus Bhòid a-mhàin
Tha sinn ag amas air cha mhòr aon dhuais a thoirt seachad aig gach ìre do neach òg, eadar 16-26 bliadhna.
Cinn-latha nan Iarrtasan
Duais Slighe an Dualchais – 31 an Iuchar 2020
Duaisean Ealain – ’S urrainnear a’ cur a-steach airson duais aig àm sam bith suas gu 2021. Tha 18 duaisean rim faighinn
Duais Dìleab Chaluim Chille/Colmcille Legacy Award – Catriona Patience
Seo neach-ealain Catriona Patience a fhuair maoin airson pròiseact ealain ùr bhon sgeama Duais Dìleab Chaluim Chille le CHARTS (maoin bho Bhòrd na Gàidhlig).


