Tha Slighe Cholmcille na chothrom a bhith a’ leantainn ceuman Cholm Cille agus na co-chruinneachaidhean meadhan-aoiseil a dh’ atharraich eachdraidh na h-Èireann agus na h-Alba.
Aig àm Colmcille agus an fheadhainn a thàinig às a dhèidh, bha siubhal fada agus cunnartach, ach bha dàimhean agus conaltradh gu math èifeachdach. Cuidichidh an t-Slighe thu gus eòlas fhaighinn air sgìrean ann an Èirinn no Alba, no siubhal eadar an dà dhùthaich agus cuir ri conaltradh agus dàimhean ùra.

Tha naoi slighean air an t-Slighe an-dràsta. Gabhaidh cuid coiseachd, ach feumaidh cuid eile càr no baidhsagal no còmhdhail phoblach. Ann an Dùn nan Gall tha gluasad ann airson cuairt camino a ghabhail air an t-Slighe.
Tha Foras na Gaeilge ann an Èirinn agus Bòrd na Gàidhlig ann an Alba a’ toirt na Slighe còmhla ann an com-pàirteachas le buidhnean eile, aig a bheil suaicheantasan rim faighinn an seo. Tha an t-Slighe na phròiseact a tha a’ fàs. Tha an làrach seo cuideachd a’ leasachadh agus thèid cur ris gu leantainneach.
Tadhalaibh air an làrach-lìn fa leth aig Slighe Chaluim Chille an seo.