Sgeama Bursaraidh Chaluim Chille

Sgeama Tabhartasan Beaga Chaluim Chille

Sgeama Tabhartasan Chaluim Chille

Aodh Mac Ruairí · ·
Brian Ó hEadhra · ·
Anns a’ 1500mh ceann-bliadhna bho rugadh Calum Cille, chleachd Fiona, Tasglannaiche Taigh Chanaigh, tasglann Chanaigh gus na ceanglaichean eadar Canaigh, Eilean Leòdhais agus eileanan Ghaeltacht na h-Èireann a rannsachadh. Le taic bho Bòrd na Gàidhlig (Colmcille) and NTS.
Tha Colmcille 1500, cuimhneachan air 1500 bliadhna bho rugadh Chaluim Chille a’ leantainn chun Ògmhios 2022. Am measg nan tachartasan bidh Éigse Uladh, eadar 25 agus 27 Gearran.
’S e Calum Cille cuspair an dealbh-chluich Ar thóir m’Anama a bhios a’ ruith air trì oidhcheannan na fèise. Seo dreach Gaeilge den dealbh-chluich aig Brian Friel The Enemy Within. ‘S e clasaig a th’ anns an dealbh-chluich Èireannach bho àm anns na 1970n nuair a bha an companaidh Aisteoirí Ghaoth Dobhair aig àirde an cliù. Thèid an tachartas air dòigh a-rithist ann an Amharclann Ghaoth Dobhair.
Tha òraidean na h-Éigse ann an com-pàirteachas le Acadamaidh Rìoghail na h-Èireann, agus thèid an cumail feasgar Disathairne. ’S iad na h-òraidichean Ailbhe Nic Giolla Chomhaill, air Calum Cille anns a’ bheul-aithris, agus Colm Ó Cuaig air Mánus Dónaill agus an obair mhòr a rinn e bho 1532, Beatha Cholm Cille.
Am measg nan tachartasan eile bidh turas bus timcheall làraich eachdraidheil san iar-thuath air an Disathairne leis an Dr Seosamh Ó Ceallaigh mar fhear-iùil, agus turas gu Eilean Thoraigh le turas treòraichte an sin. Thèid aifreann a chraoladh bhon Éigse air Raidió na Gaeltachta, agus thig an Éigse gu crìch aig 5f air an Didòmhnaich ann an Ionad Coimhearsnachd Mhachaire Rabhartaigh le seirbheis ecumenical. Tha am prògram slàn ri fhaighinn an seo.
Tickets for Ar thóir m’Anama can be bought at Amharclann Ghaoth Dobhair.

Colmcille – Coimiseanan Comharrachaidh Chaidh tòrr thachartasan a stèidheachadh air feadh na h-Èireann is na h-Alba mar phàirt de Cholmcille 1500. Tha sinn toilichte aithris gun tug prògram Colmcille aig Foras na Gaeilge coimiseanan do dh’fharsaingeachd de luchd-ealain ann an Èirinn agus Alba gus dèanamh cinnteach gum bi dìleab mhaireannach aig a’ chomharrachadh seo. ann an co-obrachadh le cuid den luchd-ciùil/ealain as fheàrr ann an Èirinn is Alba.
Agus i a’ bruidhinn air an òran a rinn i mar phàirt den t-sreath de choimiseanan, thuirt Pádraigín Ní Uallacháin “Tha ceangal eadar Èirinn agus Alba, an dà chuid na h-ealain agus obair, ceart agus ceàrr. Tha na cuspairean sìth, fògarrachd agus mar a sheas e le luchd-ealain a latha fhèin, an dà chuid bàird is luchd-ealain lèirsinneach. Cluinnear an t-òran Colm Bán na Síochána mar phàirt den bhidio Coinneal Cholmcille air 7mh Dùbhlachd.
Colm Bán na Síochána le Pádraigín Ní Uallacháin
Bidh bàrd agus seinneadair Albannach Marcus Mac an Tuairneir a’ toirt seachad sreath de bhidiothan bàrdachd ann an Gàidhlig na h-Alba, na h-Èireann agus Gàidhlig Mhanainn.
Marcas Mac an Tuairneir – Óran na Cille
Custal y Lewin – Arrane ny Killey
Ben Ó Ceallaigh – Amhrán na Cille
Isla Callister – Arrane ny Killey
Blaithín Mhic Cana -Amhrán na Cille
Am measg nam pròiseactan a tha gu bhith ann mar phàirt de chomharrachadh Colmcille 1500, tha:
• Postair de dh’Alba is Èirinn air a bheil na prìomh àiteachan co-cheangailte ri Colmcille a chaidh a chruthachadh le Seek Design, a bhios ri fhaighinn leis an Irish Times air co-latha-breith Cholmcille, 7 Dùbhlachd.
• Nobhail do dheugairean air a bheil Colm Cille, le Feargal Ó Bearra. • Cruth-ealain stèidhichte air Leabhar Cheannanais Mhòir, a thèid fhoillseachadh air Latha Fhèill Chaluim Chille, 9 Ògmhios 2022.
• Film ealain ann an Gàidhlig agus Gaeilge le Deirdre Ní Mathúna air traidisesan nan salm anns na h-Eileanan Siar.
• Taisbeanadh ioma-mheadhanach bho chòmhlan cliùiteach Cheamairí Ard Mhacha (Armagh Rhymers) a tha a’ gabhail a-steach clag ann an stoidhle meadhan-aoisean.
• Prògram Aithriseach Rèidio Colm Cille: Cosantóir na mBan (Neach-dìon nam Ban). Bidh an craoladair Áine Ní Bhreisleáin a’ coimhead air taobh fìor inntinneach de dhualchas Chaluim Chille le luchd-eachdraidh agus beul-aithris. Thèid seo a chraoladh air Cosantóir na mBan RTÉ Raidió na Gaeltachta air 29 Dùbhlachd aig 2f – Cosantóir na mBan
• Ceòl ùr agus taisbeanadh ioma-mheadhanach leis a’ chlàrsair agus sgrìobhadair ciùil Una Monaghan ann an co-obrachadh le cuid den luchd-ciùil/ealain as fheàrr ann an Èirinn is Alba.
Aodh Mac Ruairí · ·
Beul-aithris Chaluim Cille le Gearóidín Breathnach
Tha àite air leth aig Calum-Cille ann am beul-aithris na h-Èireann agus na h-Albann. Ri linn sin, dh’iarr Foras na Gaeilge air an sgeulaiche iomraiteach Gearóidín Breathnach agus air LIGID TV Productions sreath de bhidiothan goirid a dhèanamh, Seanchas Cholmcille, mar phàirt de Cholmcille 1500. Anns gach bhidio, tha Gearóidín Breathnach a’ gabhail cuairt do dh’àite ann an Tìr Chonaill a tha co-cheangailte ris an naomh, agus bidh i ag innse sgeul agus seanchas an àite uime:
Gheibhear fo-thiotalan airson nam bhiodiothan ann an Gaeilge na h-Èirean, ann an Gàidhlig na h-Albann agus ann am Beurla, agus faodar an coimhead gun fo-thiotalan cuideachd.
’S ann à teaghlach cliùiteach sheanchaidhean ann an Rann na Feirste, air taobh an iar Thìr Chonaill, a tha Gearóidín. Bhuannaich i dà thuras an Corn Uí Riada, a’ cho-fharpais as motha airson seinn san t-seann nós aig Oireachtas na Gaeilge, a bharrachd air an duais as motha airson seanchas. Tha an duais sin air ainmeachadh an dèidh a h-athar, Neidí Frainc Mac Grianna, a bhrosnaich a gràdh seanchais air thoiseach. Tha Gearóidín air iomadh bliadhna a chaitheamh a’ cur air adhart seanchas agus seinn san t-seann nòs am measg dhaoine òga, agus tha àite cudromach aice ann an ceòl is seanchas dùthchasach Thìr Chonaill.

Tha an ceòl leis an aithnichear an sreath a’ tighinn às an òran Ainnir Dheas na gCiabhfholt Donn (Gruagach Grinn nan Ciabhan Donn), air a sheinn le seinneadair eile à Rann na Feirste, Aodh Mac Ruairí. Tha comhairle Chaluim-Chille ga innse san rann seo, agus cluinnear an rann iomlan aig toiseach a’ chiad bhidio:
Is é ‘dúirt Colm Cille linn go hIfreann nach dtéid fial
Lucht an tsaibhris go gceileann siad a bpáirt mhór le Dia
’S nach mór an tubaiste d’aon duine a ndearnadh riamh
‘Oiread a chruinniú is a choinneodh as Parthas é.
translation
’S e thuirt Calum-Cille rinn do dh’ifrinn nach tèid am fial
Luchd an t-saidhbhreis gun ceil iad orra am pàirt mhòr le Dia
Nach mòr an tubaist do dh’aon duine a dhèanadh riamh
Uiread a chruinneachadh ’s a chùmadh à Pàrras e.
Foras na Gaeilge
2-6 Sràid na Banrighinn, Beul Feirste,
BT1 6ED
028 9089 0970
Bòrd na Gàidhlig
Taigh a' Ghlinne Mhòir, Inbhir Nis,
IV3 8NW
+44 (0)1463 225454
