• Skip to primary navigation
  • Skip to main content
  • Gàidhlig
    • Gaeilge
    • English (Beurla)
Colmcille 1500 Logo - full colour - large - PNG

Colmcille

Colmcille

  • Dachaigh
  • Mu Dheidhinn
  • Naidheachdhan
  • Maoineachadh
  • Slighe Chaluim Chille
  • Goireasan
    • Sgeulachdan Colmcille
    • Foghlam
  • Cuir Fios
  • Show Search
Hide Search

Maolcholaim Scott

Cuairt ann an Gàidhlig na h-Èirinn air Slighe Chaluim Chille 9-12 an Ògmhios 2023

Maolcholaim Scott · 2 An Cèitean 2023 ·

Bhon 9mh gu 12mh an t-Ògmhios 2023 bidh cuairt agus taistealachd ann an Gàidhlig na h-Èirinn air Slighe Chaluim Chille0 ann an Dùn nan Gall. Tha Slighe Chaluim Chille a’ ruith eadar Gleann Cholm Cille ann an Dùn nan Gall gu Ì ann an Alba agus bidh e a’ dèanamh ceanglaichean eadar àiteachan ann am beatha agus traidisean an naoimh.

Thathar an dòchas gum bi an t-Slighe coltach ris an Camino de Santiago san Spainn. Eadar 9mh is 12mh an t-Ògmhios bidh cothrom eòlas fhaighinn air an t-saoghal nàdarrach a’ coiseachd airson a’ chuirp agus an spioraid agus a’ chompanaidh ann an Gàidhlig na h-Èirinn ann an cridhe Ghaeltacht Dùn nan Gall.

Bho 2020 tha taistealachd air a bhith ann gach bliadhna air Slighe Cholmcille ann an Dùn nan Gall, ach seo a’ chiad chuairt is taistealachd a tha gu tur ann an Gàidhlig na h-Èirinn. Tha e ga chur air dòigh le sgìrean planadh cànain, agus co-chomainn Ghaeltachta ann an co-obrachadh le prògram Cholmcille de Fhoras na Gaeilge, agus ann an co-bhann ri colaiste Shlí Cholmcille. Stiùiridh Séamus Ó Dúchoin, fear-iùil beinne agus neach-labhairt dùthchasach às an Fhalcarragh, a’ chuairt.

Tòisichidh a’ chuairt air Latha Fhèill Chaluim Chille, an 9mh Ògmhios ann an Gleann Cholm Cille. Air 10 Ògmhios bidh a’ chuairt eadar Tobar Eithne, coisrigte do Eithne, màthair Chaluim Chille, agus Gartán far an do rugadh e agus far a bheil làraich eile co-cheangailte ri òige. Air an treas latha thòisich a’ chuairt aig Crois Ray, làrach le ceanglaichean dlùth ri Abaid Ì, agus criochnaichidh i aig Cnoc na Naomh. Air 12 Ògmhios bidh turas gu Toraigh, aig a bheil dualchas beairteach co-cheangailte ri manachainn Chaluim Chille. Bidh an t-eilean beò le eòin cuideachd, agus bidh eòlaiche air an dà chuid, an neach-ealain Antain Ó Mianáin ann mar neach-iùil.

Tha pasgan ri fhaighinn airson na ceithir latha, a’ gabhail a-steach trì oidhcheannan leabaidh is bracaist ann an Teach Jack ann an Gaoth Dobhair. Is e a’ chosgais €390 gach neach stèidhichte air seòmar singilte, agus €350 stèidhichte air còmhnaidh co-roinnte. Is e a’ chosgais làitheil às aonais àite-fuirich €20 airson a’ chiad trì latha, agus € 50 airson a’ cheathramh latha, a’ toirt a-steach am bàta-aiseig tilleadh gu eilean Thoraigh. Faodar foirmichean iarrtas agus fiosrachadh a bharrachd fhaighinn bho sli@forasngaeilge.ie

Lusanna/Lussyn/Lusan & Feamainn Famlach Feamainn

Maolcholaim Scott · 28 An Gearran 2023 ·

Dà bhùth obrach air loidhne le Pól Mac Cana, Paayl Rogers agus Ruaraidh MacIlleathan, air an cur air dòigh ri Conradh na Gaeilge, Boiche Íochtair, Co. an Dúin, mar phàirt den phròiseact ‘Cassan’.

Première Film: Calman nan Loch, 9 an Dùbhlachd, An Lanntair, Steòrnabhagh.

Maolcholaim Scott · 6 An Dùbhlachd 2022 ·

https://www.youtube.com/watch?v=_sdN7Ylj9OE

Chithear anns an fhilm mar a mhair doimhneachd dìleab nam manach ann an seinn nan Salm Gàidhlig agus mar a tha daoine a’ glèidheadh spiorad na h-Eaglaise Ceiltich beò chun an latha an-diugh. Tha am film stèidhichte air seanchas iongantach mu mar a bhiodh na bàtaichean traidiseanta a’ falbh bhon t-searmonn chun nam bailtean beaga thall ’s a-bhos air Loch Èireasoirt, le guthan sònraichte a’ seinn nan salm Gàidhlig. Tha am film “Calman nan Loch” a’ cleachdadh obair pròiseict-ealan coimhearsnachd mar bhunait, agus a’ comharrachadh 1500 bliadhna de bhuaidh Chaluim Chille anns na dùthchannan Gàidhealach agus nas fhaide air falbh. Bidh am première aig 7.30 feasgar an 9mh an Dùbhlachd ann An Lanntair, Steòrnabhagh.

Tha tiocaidean dhan première ri’m faighinn anseo, agus gabhaidh am film ‘fhaicinn anseo. Thug a’ stiùiriche agus a’ neach-ealain Déirdre Ní Mhathúna an cunntas a leanas air mar a thoisich am pròiseact:

“ ’S e urram air leth a th’ ann dhomh a bhith a’ foillseachadh an fhilm “Calman nan Loch” mar chomharra air 1500 bliadhna de bhuaidh Chaluim Chille anns na dùthchannan Gàidhealach agus nas fhaide air falbh. Sgeulachd iongantach, sònraichte bho Sgìre nan Loch an Eilean Leòdhais a th’ ann an seo, a thàinig thugam ’s mi a’ taisbeanadh na h-obrach-ealain agam sa chlachan bheag Ceòs, air taobh a tuath Loch Èireasoirt, ann an 2007. Bha e fa-near dhomh air an latha sin soraidh slàn agus taing a ràdh ri muinntir an àite, a bh’ air fàilte bhlàth a chur orm thairis air grunn bhliadhnaichean.

Ach b’ ann air an dearbh latha ud a chuala sinn seanchas iongantach mu sheòladh nam bàtaichean traidiseanta ag ath-fhuaimneachadh le guthan shònraichte nan salm Gàidhlig agus iad a’ falbh bhon t-searmonn chun nam bailtean beaga thall ’s a-bhos air Loch Èireasort. Bha sinn uile air ar beò-ghlacadh leis an ìomhaigh ud agus cha tug e fada mus do chuir sinn an t-ainm ‘Bàtaichean nan Salm’ ris.

Thairis air na bliadhnaichean dh’fhàs coimhearsnachd bhlàth, fhosgailtea bheaithaich seinneadairean nan Salm, seòladairean, luchd-ealain agus càirdean. Thàinig buill a’ phròiseict bho eaglaisean eadar-dhealaichte an eilein, agus tharraing sinn daoine a-steach aig nach robh creideamh idir. Chruinnich sinn sgeulachdan ùidheil agus èibhinn bho na daoine a bha fhathast òg sna làithean nuair a bha nah-eathraichean mar na h-Austins and Fords of the day.”

Gun teagamh, dh’atharraich “Pròiseact Bàta nan Salm” na bha fa-near dhomh, mar neach-ealain, bho sin a-mach. Ged nach robh mi an dùil ri obair chruthachail a chumail a’ dol cho fada ann an Leòdhas, no càirdeas cho domhain a chosnadh, nuair a thachair mi ri muinntir nan Loch agus nuair a chuala mi sgeul Bàtaichean nan Salm ’s e an fhìrinn gun robh mi a’ sireadh stoidhle-ealain a bhiodh brìoghmhor dhomh, mar Ghàidheal. Agus b’ ann an Leòdhas, sa chlachan bheag ud air cladach Lord Èireasoirt, a lorg mi a’ chlach-iùil a bha na ceangal eadar m’ fhèin aithne mar Ghàidheal Èireannach agus mo bheatha chruthachail ann an Alba. B’ e gibht phrìseil a bh’ ann dhomh gun teagamh agus bidh mi daonnan buidheach air a son.

Anns an fhilm thèid sibh air turas còmhla rium gu cridhe creideamh muinntir nan Loch, agus tha Eilean Chaluim Chille agus ìomhaigh shuaicheanta a’ chalmain aig cridhe an sgeòil. Chithear mar a mhair doimhneachd dìleab nam manach, iadsan a dh’fhalbh an cois an Ath-Leasachaidh, ann an seinn nan Salm Gàidhlig agus mar a tha daoine a’ glèidheadh spiorad na h-Eaglaise Ceiltich beò chun an latha an-diugh.”

Laa Columb Cilley

Maolcholaim Scott · 24 An t-Ògmhios 2022 ·

An-diugh 24 an t-Ògmhios Laa Collum Killey, Lá Fèill Chaluim Chille ann an Eilean Mhanann. Tá comharrachadh sònraichte ann am paraiste Arbory an ceann a deas an eilein. Tha an sgìobhaiche ciùil agus neach teagaisg Aalin Claque air pìos ciùil a scríobh Y Folliaght (an sgeul-rùin). Gabhaidh èisteachd ris anseo. Tha na faclan ann Gàidhlhig Mhanainn agus Gàidhlig na h-Alba gu hìseal.

S’eunyssagh dou dy ve er cronk aalin er baare carrick.
Dy voddym mennick fakin er yn ‘aarkey kiune.

‘S taitneach leamsa bhi air cnoc eilein air bharr creige, Gu’m bithinn gu tric ag amharc air a’ chuan chiùin.

Dy voddym fakin ny tonnyn trome erskyn yn ushtey
myr t’ad cantal kiaull da nyn Ayr dy bea veayn,
kiaull da nyn Ayr dy bea veayn.

Gu faic mi na tonnan troma air an uisge, agus iad a’ seinn d’ an Athair gu sìorruidh, Ceòl d’an Athair gu sìorruidh.

Dy voddym fakin ny tonnyn trome,
Dy voddym fakin yn traie gial-oirrit,
Dy voddym clashtyn cronnane ny tonnyn,
Dy voddym fakin possanyn eanlee, possanyn eanlee.

Gus am faic mi na tonnan troma, Gus am faic mi ’n cladach soilleir, Gu ’n cluinninn crònan nan tonn, Gu faic mi sgaothan eòin, sgaothan eòin.

My vees my ennym, folliaght ta mee ginsh
Eshyn chass e chooyl er Nerin
Eshyn chass e chooyl er Nerin

Gum bu chòir m’ ainm a bhith — is e rùin a tha mi ag innse – “Esan a thionndaidh a chùl ri Èirinn.” “Esan a thionndaidh a chùl ri Èirinn.”

S’eunyssagh dou dy ve er cronk aalin er baare carrick.
Dy voddym mennick fakin er yn ‘aarkey kiune.

Dy voddym fakin yn yindys mooar,
Dy voddym fakin muic varrey niartal,
Dy voddym clashtyn eam taitnyssagh
Dy voddym clashtyn eanlee joarreeaght, eanlee joarreeaght.

Gus am faic mi na tonnan troma, Gus am faic mi ’n cladach soilleir, Gu ’n cluinninn crònan nan tonn, Gu faic mi sgaothan eòin, sgaothan eòin.

My vees my ennym, folliaght ta mee ginsh
Eshyn chass e chooyl er Nerin
Eshyn chass e chooyl er Nerin

Gum bu chòir m’ ainm a bhith — is e rùin a tha mi ag innse – “Esan a thionndaidh a chùl ri Èirinn.” “Esan a thionndaidh a chùl ri Èirinn.”

Dy voddym clashtyn cronnane ny tonnyn
er oaie ny carrickyn, eam ny faarkey myr keayney liorish oaie.

Gus am faic mi na tonnan trom Ri aghaidh nan creag, tha fuaim na fairge mar chaoidh ri taobh uaigh

That my name should be–it is a secret that I tell–
“he who turned his back upon Ireland.”
“he who turned his back upon Ireland.”

Calum Cille

Saoil mura robh bàird idir ann…

Maolcholaim Scott · 20 An Cèitean 2022 ·

Calum Cille agus na Bàird

Anns a’ bhliadhna 575 thug Àrd-Rìgh na h-Èireann Aodh Mac Ainmire cuireadh do uaislean a thighinn gu co-chruinneachadh cudromach ann an Droim Ceat, ann an sgìre Dhoire. Am measg nan cuspairean a chaidh a dheasbad bha dè bu chòir a dhèanamh le bàird na h-Èireann, a bha, na bheachd-san, air fàs caran bragail. B’ e aon de na rudan a chaidh a mholadh na bàird fhuadach à Èirinn.

Bha Calum Cille an làthair, agus sheas e às leth nam bàrd. Ach dè bhiodh air tachairt mura biodh e air bruidhinn a-mach agus dè bhiodh sinn air call mar nàisean?

Seo na ceistean a bhrosnaich am bàrd Daire Ní Chanáin agus i a’ tòiseachadh ag obair air dàn a chaidh a choimiseanadh mar phàirt de Cholmcille 1500. Fhuair an bhidio-dàn a thàinig às a sin a’ chiad fhoillseachadh air Latha Bàrdachd na h-Èireann air 28 Giblean 2022.

Tha Daire Ní Chanáin ag ràdh: “Mus do thòisich mi ag obair air a’ phìos seo cha robh mòran eòlais agam air Calum Cille agus bha e mìorbhaileach uiread ionnsachadh ma dheidhinn. Tha mi a’ faireachdainn gu bheil ceangal nas làidire agam ris às dèidh dhomh an obair seo a dhèanamh agus tha mi a-nis a’ mothachadh barrachd is barrachd den dìleab aige mun cuairt orm, gu sònraichte ’s mi a’ fuireach ann an Doire. Anns an dàn bha mi airson ùmhlachd a thoirt do na bàird a dh’fhalbh romham, agus cuideachd dhaibhsan a tha fhathast a’ sgrìobhadh sa Ghaeilge. Tha mi gu mòr nan comain. Agus tha sinn uile gu mòr an comain Chaluim Chille.”

Anns an dàn bha mi airson ùmhlachd a thoirt do na bàird a dh’fhalbh romham, agus cuideachd dhaibhsan a tha fhathast a’ sgrìobhadh sa Ghaeilge. Tha mi gu mòr nan comain. Agus tha sinn uile gu mòr an comain Chaluim Chille.”

Thuirt Tristan Rosenstock, co-òrdanaiche Colmcille 1500:

“Buinidh Daire do ghinealach ùr de bhàird a bhios a’ taisbeanadh an cuid obrach ann an dòighean ùra is brosnachail. Tha a bàrdachd fìor ealanta, agus an dòigh ’s a bheil i ga taisbeanadh. Nuair a choimheadas tu air a’ bhidio agus a chluinneas tu na faclan aice tha e follaiseach sa bhad gur e bàrd a th’ innte aig a bheil tuigse dhomhainn air an dualchas, ach gu bheil i a’ leantainn a slighe fhèin agus gu bheil a guth àraidh fhèin aice. Bha sinn air ar dòigh glan bàrd òg à Doire a bhith an sàs ann an Colmcille 1500.”

You can watch the video here.
https://www.youtube.com/watch?v=3Z-IhodljN8

#Colmcille1500

  • Page 1
  • Page 2
  • Page 3
  • Page 4
  • Go to Next Page »

Cuir fios thugainn

Cuir Fios Thugainn

Èirinn

Foras na Gaeilge
2-6 Sràid na Banrighinn, Beul Feirste,
BT1 6ED
028 9089 0970


Alba

Bòrd na Gàidhlig
Taigh a' Ghlinne Mhòir, Inbhir Nis,
IV3 8NW
+44 (0)1463 225454

Bruidhinn rinn

Bruidhinn rinn

Tha sinn a' cur fàilte air beachdan agaibh agus bu mhath leinn fios fhaighinn air pròiseactan is tachartasan agaibh.

#colmcille #colmcille1500



© Colmcille 2026