
Chithear anns an fhilm mar a mhair doimhneachd dìleab nam manach ann an seinn nan Salm Gàidhlig agus mar a tha daoine a’ glèidheadh spiorad na h-Eaglaise Ceiltich beò chun an latha an-diugh. Tha am film stèidhichte air seanchas iongantach mu mar a bhiodh na bàtaichean traidiseanta a’ falbh bhon t-searmonn chun nam bailtean beaga thall ’s a-bhos air Loch Èireasoirt, le guthan sònraichte a’ seinn nan salm Gàidhlig. Tha am film “Calman nan Loch” a’ cleachdadh obair pròiseict-ealan coimhearsnachd mar bhunait, agus a’ comharrachadh 1500 bliadhna de bhuaidh Chaluim Chille anns na dùthchannan Gàidhealach agus nas fhaide air falbh. Bidh am première aig 7.30 feasgar an 9mh an Dùbhlachd ann An Lanntair, Steòrnabhagh.
Tha tiocaidean dhan première ri’m faighinn anseo, agus gabhaidh am film ‘fhaicinn anseo. Thug a’ stiùiriche agus a’ neach-ealain Déirdre Ní Mhathúna an cunntas a leanas air mar a thoisich am pròiseact:
“ ’S e urram air leth a th’ ann dhomh a bhith a’ foillseachadh an fhilm “Calman nan Loch” mar chomharra air 1500 bliadhna de bhuaidh Chaluim Chille anns na dùthchannan Gàidhealach agus nas fhaide air falbh. Sgeulachd iongantach, sònraichte bho Sgìre nan Loch an Eilean Leòdhais a th’ ann an seo, a thàinig thugam ’s mi a’ taisbeanadh na h-obrach-ealain agam sa chlachan bheag Ceòs, air taobh a tuath Loch Èireasoirt, ann an 2007. Bha e fa-near dhomh air an latha sin soraidh slàn agus taing a ràdh ri muinntir an àite, a bh’ air fàilte bhlàth a chur orm thairis air grunn bhliadhnaichean.
Ach b’ ann air an dearbh latha ud a chuala sinn seanchas iongantach mu sheòladh nam bàtaichean traidiseanta ag ath-fhuaimneachadh le guthan shònraichte nan salm Gàidhlig agus iad a’ falbh bhon t-searmonn chun nam bailtean beaga thall ’s a-bhos air Loch Èireasort. Bha sinn uile air ar beò-ghlacadh leis an ìomhaigh ud agus cha tug e fada mus do chuir sinn an t-ainm ‘Bàtaichean nan Salm’ ris.
Thairis air na bliadhnaichean dh’fhàs coimhearsnachd bhlàth, fhosgailtea bheaithaich seinneadairean nan Salm, seòladairean, luchd-ealain agus càirdean. Thàinig buill a’ phròiseict bho eaglaisean eadar-dhealaichte an eilein, agus tharraing sinn daoine a-steach aig nach robh creideamh idir. Chruinnich sinn sgeulachdan ùidheil agus èibhinn bho na daoine a bha fhathast òg sna làithean nuair a bha nah-eathraichean mar na h-Austins and Fords of the day.”
Gun teagamh, dh’atharraich “Pròiseact Bàta nan Salm” na bha fa-near dhomh, mar neach-ealain, bho sin a-mach. Ged nach robh mi an dùil ri obair chruthachail a chumail a’ dol cho fada ann an Leòdhas, no càirdeas cho domhain a chosnadh, nuair a thachair mi ri muinntir nan Loch agus nuair a chuala mi sgeul Bàtaichean nan Salm ’s e an fhìrinn gun robh mi a’ sireadh stoidhle-ealain a bhiodh brìoghmhor dhomh, mar Ghàidheal. Agus b’ ann an Leòdhas, sa chlachan bheag ud air cladach Lord Èireasoirt, a lorg mi a’ chlach-iùil a bha na ceangal eadar m’ fhèin aithne mar Ghàidheal Èireannach agus mo bheatha chruthachail ann an Alba. B’ e gibht phrìseil a bh’ ann dhomh gun teagamh agus bidh mi daonnan buidheach air a son.
Anns an fhilm thèid sibh air turas còmhla rium gu cridhe creideamh muinntir nan Loch, agus tha Eilean Chaluim Chille agus ìomhaigh shuaicheanta a’ chalmain aig cridhe an sgeòil. Chithear mar a mhair doimhneachd dìleab nam manach, iadsan a dh’fhalbh an cois an Ath-Leasachaidh, ann an seinn nan Salm Gàidhlig agus mar a tha daoine a’ glèidheadh spiorad na h-Eaglaise Ceiltich beò chun an latha an-diugh.”