• Skip to primary navigation
  • Skip to main content
  • Skip to primary sidebar
  • Gàidhlig
    • Gaeilge
    • English (Beurla)
Colmcille 1500 Logo - full colour - large - PNG

Colmcille

Colmcille

  • Dachaigh
  • Mu Dheidhinn
  • Naidheachdhan
  • Maoineachadh
  • Slighe Chaluim Chille
  • Goireasan
    • Sgeulachdan Colmcille
    • Foghlam
  • Cuir Fios
  • Show Search
Hide Search

Colmcille 1500

  • Colmcille 1500 Print Logo - full colour - large - jpg
  • Colmcille 1500 Print Logo - full colour - large - jpg
  • Colmcille 1500 Print Logo - full colour - large - jpg

Tha bliadhna Colmcille 1500 seachad a-nis ach cumaidh sinn oirnn a’ comharrachadh dìleab Colmcille thairis air 2022.

Tha Colmcille1500 a’ comharrachadh beatha agus dìleab Cholmille no Columba, 1500 bliadhna bho rugadh e. Bidh i a’ brosnachadh dualchas an naoimh aig an robh abaid Eilean Ì a’ ceangal Èirinn agus Alba (agus nas fhaide air falbh). Gheibh thu fiosrachadh an seo mu na tachartasan, dualchas, goireasan foghlaim agus cuspairean a chaidh a mholadh.

Is e 7 Dùbhlachd an co-latha-breith traidiseanta aig Colmcille, agus chaidh an cuimhneachan fhosgladh gu h-oifigeil air 7 Dùbhlachd 2020. Tha tachartasan air a bhith ann an Dùn nan Gall, Doire ann an Ceanannas, Earra-Ghàidheal, agus anns na h-Eileanan an Iar, mòran dhiubh air-loidhne. Tha mòran chom-pàirtichean ann. Tha pròiseactan ùra a’ tighinn air adhart ach ag atharrachadh, mar a bhios iomchaidh le chuingealachaidhean COVID. Bidh cothroman ann pàirt a ghabhail ann an tachartasan is pròiseactan air feadh 2021, a-steach gu 2022, agus thathas an dòchas, sna bliadhnaichean ri thighinn.

1500 bliadhna air ais bha siubhal slaodach agus cunnartach, ach bha coimhearsnachd agus conaltradh a cheart cho fìor. Cha robh Iona ann am meadhan rìoghachd sam bith, ach tharraing e luchd-labhairt bho iomadh cànan: Gàidhlig na h-Alba agus na h-Èireann, Cruithneach, Laideann, Cuimris agus Angla-Shasannach Northumbria. Sgaoil dualchas Cholmille ann an cùisean spioradail, ann an cànan, anns na h-ealain agus ionnsachadh, air feadh nan eilean sin agus a-steach do mhòr-thìr na Roinn Eòrpa.

Tha Colmcille 1500 a’ toirt cothrom sgrùdadh a dhèanamh air dualchas Cholmille, agus togail air, a’ toirt a-steach Gàidhlig na h-Èireann, Alba agus Eilean Mhanainn. Ann an dòigh sam bith a roghnaicheas tu dìleab Colmcille a chomharrachadh tha sinn an dòchas gun roinn thu do sgeulachd leis an t-saoghal tro dhiofar shianalan meadhanan sòisealta, air an làrach-lìn seo agus tro bhith a’ cleachdadh suaicheantas Colmcille 1500 (faic gu h-ìosal).

Brandadh Colmcille 1500

Tha fàilte oirbh suaicheantas agus brannd Colmcille 1500 a luchdadh a-nuas bhon phasgan Dropbox seo agus a chleachdadh gus bliadhna Colmcille 1500 a chomharrachadh agus adhartachadh. Dh’iarramaid gun leugh thu an stiùireadh an toiseach agus gun cum thu ris. Cleachd an hashtag #colmcille1500 anns a h-uile iomairt agus tachartas meadhanan sòisealta.

Suaicheantas airson ainm-sgrìobhte post-d

Seo an suaicheantas le cinn-latha airson do ainm-sgrìobhte post-d. Faodaidh tu a luchdachadh sìos an seo.

Com-pàirtichean

Udaras

Primary Sidebar

News

  • Cuairt ann an Gàidhlig na h-Èirinn air Slighe Chaluim Chille 9-12 an Ògmhios 2023
  • Lusanna/Lussyn/Lusan & Feamainn Famlach Feamainn
  • Première Film: Calman nan Loch, 9 an Dùbhlachd, An Lanntair, Steòrnabhagh.
  • Laa Columb Cilley

Hit the ground running with a minimalist look. Learn More

Cuir fios thugainn

Cuir Fios Thugainn

Èirinn

Foras na Gaeilge
2-6 Sràid na Banrighinn, Beul Feirste,
BT1 6ED
028 9089 0970


Alba

Bòrd na Gàidhlig
Taigh a' Ghlinne Mhòir, Inbhir Nis,
IV3 8NW
+44 (0)1463 225454

Bruidhinn rinn

Bruidhinn rinn

Tha sinn a' cur fàilte air beachdan agaibh agus bu mhath leinn fios fhaighinn air pròiseactan is tachartasan agaibh.

#colmcille #colmcille1500



© Colmcille 2026