Tha Colmcille 1500, cuimhneachan air 1500 bliadhna bho rugadh Chaluim Chille a’ leantainn chun Ògmhios 2022. Am measg nan tachartasan bidh Éigse Uladh, eadar 25 agus 27 Gearran.
’S e Calum Cille cuspair an dealbh-chluich Ar thóir m’Anama a bhios a’ ruith air trì oidhcheannan na fèise. Seo dreach Gaeilge den dealbh-chluich aig Brian Friel The Enemy Within. ‘S e clasaig a th’ anns an dealbh-chluich Èireannach bho àm anns na 1970n nuair a bha an companaidh Aisteoirí Ghaoth Dobhair aig àirde an cliù. Thèid an tachartas air dòigh a-rithist ann an Amharclann Ghaoth Dobhair.
Tha òraidean na h-Éigse ann an com-pàirteachas le Acadamaidh Rìoghail na h-Èireann, agus thèid an cumail feasgar Disathairne. ’S iad na h-òraidichean Ailbhe Nic Giolla Chomhaill, air Calum Cille anns a’ bheul-aithris, agus Colm Ó Cuaig air Mánus Dónaill agus an obair mhòr a rinn e bho 1532, Beatha Cholm Cille.
Am measg nan tachartasan eile bidh turas bus timcheall làraich eachdraidheil san iar-thuath air an Disathairne leis an Dr Seosamh Ó Ceallaigh mar fhear-iùil, agus turas gu Eilean Thoraigh le turas treòraichte an sin. Thèid aifreann a chraoladh bhon Éigse air Raidió na Gaeltachta, agus thig an Éigse gu crìch aig 5f air an Didòmhnaich ann an Ionad Coimhearsnachd Mhachaire Rabhartaigh le seirbheis ecumenical. Tha am prògram slàn ri fhaighinn an seo.
Tickets for Ar thóir m’Anama can be bought at Amharclann Ghaoth Dobhair.



