• Skip to primary navigation
  • Skip to main content
  • Gàidhlig
    • English (Beurla)
    • Gaeilge (Gaeilge)
Colmcille 1500 Logo - full colour - large - PNG

Colmcille

Colmcille

  • Dachaigh
  • Mu Dheidhinn
  • Naidheachdhan
  • Maoineachadh
  • Slighe Chaluim Chille
  • Colmcille 1500
    • Tachartasan
    • Goireasan
      • Sgeulachdan Colmcille
      • Foghlam
    • Cuspairean
  • Cuir Fios
  • Show Search
Hide Search

Dè th’ ann an Iomain Cholmcille?

Brian Ó hEadhra · An Cèitean 18, 2020 ·

Thòisich Iomain Cholmcille le aon gheama iomain eadar club à Èirinn Cumann Micheal Breathnach agus cruinneachadh de chluicheadairean Albannach anns an Òban ann an 2007.

Aig cridhe an tachartais bha cànan nan Gàidheal. Dh’fheumadh Gàidhlig no Gaeilge a bhith aig gach neach air a’ phàirc agus dh’fheumadh iad a cleachdadh cuideachd. Chòrd e gu math ris a h-uile neach ach cha b’ e sin deireadh na sgeòil.

Às dèidh a’ chiad gheama sin anns an Òban, tha am pròiseact air fàs gu mòr thairis air dusan farpais ann an Conamara, an t-Eilean Sgitheanach, Dùn nan Gall, Glaschu agus An Gearasdan.

Ann an 2015 thòisich farpais nam bàn agus an Còrn Sgàthach, agus tha farpaisean òigridh air a bhith ann bhon a thòisich an rud. Tha coidseadh air a thoirt seachad mar as trice leis an sgioba a tha a’ tadhal air an dùthaich sa bheil an fharpais agus tha seo a’ togail misneachd nan daoine.

Tha deagh ìre de chluich aig na geamannan seo, le cluicheadairean le Gàidhlig a tha air cluich aig an ìre as àirde den gheama a’ cluich còmhla ri feadhainn o na clubaichean nas lugha. Tha i air tòrr luchd-amhairc a tharraing agus tha cliù mòr aice mar shealladh anabarrach math ge b’ e far an tèid a cumail.

Tha ceòl agus craic glè chudromach dhan ghnothach cuideachd, agus tha iomadh cèilidh mhath air a bhith aig gach farpais le cluicheadairean agus oifigearan a’ faighinn a’ chothruim bruidhinn ri chèile agus ionnsachadh o chèile.

Na Buannachdan

Tha buannachd Iomain Cholmcille a’ leantainn le ceanglaichean gan neartachadh eadar Gàidheil taobh a-staigh gach dùthaich agus eadar an dà dhùthaich, le càirdeasan làidir air an togail thar nam bliadhnaichean.

Tha cleachdadh na Gàidhlig agus togail misneachd aig cridhe a h-uile càil a nì Iomain Cholmcille. Tha i a’ toirt cothrom agus àite do dhaoine òga le ùidh ann an spòrs nan Gàidheal a bhith a’ cur an cuid chànainean gu feum ann an suidheachadh spòrsail, neo-fhoirmeil làn spionnadh is brosnachadh.

Ann an Alba, tha Iomain Cholmcille (Alba) cuideachd ag obair le taic o Bhòrd na Gàidhlig airson inbhe na Gàidhlig ann an camanachd a thogail, le farpaisean òigridh agus tachartasan coimhearsnachd.

Uncategorized @gd

Cuir fios thugainn

Cuir Fios Thugainn

Èirinn

Foras na Gaeilge
2-6 Sràid na Banrighinn, Beul Feirste,
BT1 6ED
028 9089 0970


Alba

Bòrd na Gàidhlig
Taigh a' Ghlinne Mhòir, Inbhir Nis,
IV3 8NW
+44 (0)1463 225454

Bruidhinn rinn

Bruidhinn rinn

Tha sinn a' cur fàilte air beachdan agaibh agus bu mhath leinn fios fhaighinn air pròiseactan is tachartasan agaibh.

#colmcille #colmcille1500



© Colmcille 2022