{"id":3870,"date":"2022-05-20T15:06:47","date_gmt":"2022-05-20T15:06:47","guid":{"rendered":"https:\/\/colmcille.net\/?p=3870"},"modified":"2022-05-20T15:06:48","modified_gmt":"2022-05-20T15:06:48","slug":"saoil-mura-robh-baird-idir-ann","status":"publish","type":"post","link":"https:\/\/colmcille.net\/gd\/saoil-mura-robh-baird-idir-ann\/","title":{"rendered":"Saoil mura robh b\u00e0ird idir ann&#8230;"},"content":{"rendered":"\n<p class=\"wp-block-paragraph\"><strong>Calum Cille agus na B\u00e0ird<\/strong> <\/p>\n\n<p class=\"wp-block-paragraph\">Anns a&#8217; bhliadhna 575 thug \u00c0rd-R\u00ecgh na h-\u00c8ireann Aodh Mac Ainmire cuireadh do uaislean a thighinn gu co-chruinneachadh cudromach ann an Droim Ceat, ann an sg\u00ecre Dhoire. Am measg nan cuspairean a chaidh a dheasbad bha d\u00e8 bu ch\u00f2ir a dh\u00e8anamh le b\u00e0ird na h-\u00c8ireann, a bha, na bheachd-san, air f\u00e0s caran bragail. B\u2019 e aon de na rudan a chaidh a mholadh na b\u00e0ird fhuadach \u00e0 \u00c8irinn.<\/p>\n\n<p class=\"wp-block-paragraph\">Bha Calum Cille an l\u00e0thair, agus sheas e \u00e0s leth nam b\u00e0rd. Ach d\u00e8 bhiodh air tachairt mura biodh e air bruidhinn a-mach agus d\u00e8 bhiodh sinn air call mar n\u00e0isean?<\/p>\n\n<figure class=\"wp-block-image size-large\"><img loading=\"lazy\" decoding=\"async\" width=\"1024\" height=\"640\" src=\"https:\/\/colmcille.net\/wp-content\/uploads\/2022\/05\/Daire-pic-2-1-1024x640.png\" alt=\"\" class=\"wp-image-3864\" srcset=\"https:\/\/colmcille.net\/wp-content\/uploads\/2022\/05\/Daire-pic-2-1-1024x640.png 1024w, https:\/\/colmcille.net\/wp-content\/uploads\/2022\/05\/Daire-pic-2-1-300x188.png 300w, https:\/\/colmcille.net\/wp-content\/uploads\/2022\/05\/Daire-pic-2-1-768x480.png 768w, https:\/\/colmcille.net\/wp-content\/uploads\/2022\/05\/Daire-pic-2-1.png 1280w\" sizes=\"auto, (max-width: 1024px) 100vw, 1024px\" \/><\/figure>\n\n<p class=\"wp-block-paragraph\">Seo na ceistean a bhrosnaich am b\u00e0rd Daire N\u00ed Chan\u00e1in agus i a\u2019 t\u00f2iseachadh ag obair air d\u00e0n a chaidh a choimiseanadh mar ph\u00e0irt de Cholmcille 1500. Fhuair an bhidio-d\u00e0n a th\u00e0inig \u00e0s a sin a\u2019 chiad fhoillseachadh air Latha B\u00e0rdachd na h-\u00c8ireann air 28 Giblean 2022.<\/p>\n\n<p class=\"wp-block-paragraph\">Tha Daire N\u00ed Chan\u00e1in ag r\u00e0dh: \u201cMus do th\u00f2isich mi ag obair air a\u2019 ph\u00ecos seo cha robh m\u00f2ran e\u00f2lais agam air Calum Cille agus bha e m\u00ecorbhaileach uiread ionnsachadh ma dheidhinn. Tha mi a\u2019 faireachdainn gu bheil ceangal nas l\u00e0idire agam ris \u00e0s d\u00e8idh dhomh an obair seo a dh\u00e8anamh agus tha mi a-nis a\u2019 mothachadh barrachd is barrachd den d\u00ecleab aige mun cuairt orm, gu s\u00f2nraichte \u2019s mi a\u2019 fuireach ann an Doire. &#13;\nAnns an d\u00e0n bha mi airson \u00f9mhlachd a thoirt do na b\u00e0ird a dh\u2019fhalbh romham, agus cuideachd dhaibhsan a tha fhathast a\u2019 sgr\u00ecobhadh sa Ghaeilge. Tha mi gu m\u00f2r nan comain. Agus tha sinn uile gu m\u00f2r an comain Chaluim Chille.\u201d&#13;\n<\/p>\n\n<p class=\"wp-block-paragraph\">Anns an d\u00e0n bha mi airson \u00f9mhlachd a thoirt do na b\u00e0ird a dh\u2019fhalbh romham, agus cuideachd dhaibhsan a tha fhathast a\u2019 sgr\u00ecobhadh sa Ghaeilge. Tha mi gu m\u00f2r nan comain. Agus tha sinn uile gu m\u00f2r an comain Chaluim Chille.\u201d<\/p>\n\n<p class=\"wp-block-paragraph\">Thuirt Tristan Rosenstock, co-\u00f2rdanaiche Colmcille 1500:<\/p>\n\n<p class=\"wp-block-paragraph\">\u201cBuinidh Daire do ghinealach \u00f9r de bh\u00e0ird a bhios a\u2019 taisbeanadh an cuid obrach ann an d\u00f2ighean \u00f9ra is brosnachail. Tha a b\u00e0rdachd f\u00ecor ealanta, agus an d\u00f2igh \u2019s a bheil i ga taisbeanadh. Nuair a choimheadas tu air a\u2019 bhidio agus a chluinneas tu na faclan aice tha e follaiseach sa bhad gur e b\u00e0rd a th\u2019 innte aig a bheil tuigse dhomhainn air an dualchas, ach gu bheil i a\u2019 leantainn a slighe fh\u00e8in agus gu bheil a guth \u00e0raidh fh\u00e8in aice. Bha sinn air ar d\u00f2igh glan b\u00e0rd \u00f2g \u00e0 Doire a bhith an s\u00e0s ann an Colmcille 1500.\u201d<\/p>\n\n<p class=\"wp-block-paragraph\">You can watch the video  <a href=\"https:\/\/www.youtube.com\/watch?v=3Z-IhodljN8\">here<\/a>.<br\/>https:\/\/www.youtube.com\/watch?v=3Z-IhodljN8<\/p>\n\n<p class=\"wp-block-paragraph\">#Colmcille1500<\/p>\n","protected":false},"excerpt":{"rendered":"<p>Calum Cille agus na B\u00e0ird Anns a&#8217; bhliadhna 575 thug \u00c0rd-R\u00ecgh na h-\u00c8ireann Aodh Mac Ainmire cuireadh do uaislean a thighinn gu co-chruinneachadh cudromach ann an Droim Ceat, ann an [&hellip;]<\/p>\n","protected":false},"author":6,"featured_media":0,"comment_status":"closed","ping_status":"open","sticky":false,"template":"","format":"standard","meta":{"_acf_changed":false,"_genesis_hide_title":false,"_genesis_hide_breadcrumbs":false,"_genesis_hide_singular_image":false,"_genesis_hide_footer_widgets":false,"_genesis_custom_body_class":"","_genesis_custom_post_class":"","_genesis_layout":"","footnotes":""},"categories":[10],"tags":[],"class_list":["post-3870","post","type-post","status-publish","format-standard","category-uncategorized-gd","entry"],"acf":[],"featured_image_src":null,"featured_image_src_square":null,"author_info":{"display_name":"Maolcholaim Scott","author_link":"https:\/\/colmcille.net\/gd\/author\/maolcholaim\/"},"_links":{"self":[{"href":"https:\/\/colmcille.net\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/posts\/3870","targetHints":{"allow":["GET"]}}],"collection":[{"href":"https:\/\/colmcille.net\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/posts"}],"about":[{"href":"https:\/\/colmcille.net\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/types\/post"}],"author":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/colmcille.net\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/users\/6"}],"replies":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/colmcille.net\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/comments?post=3870"}],"version-history":[{"count":3,"href":"https:\/\/colmcille.net\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/posts\/3870\/revisions"}],"predecessor-version":[{"id":3880,"href":"https:\/\/colmcille.net\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/posts\/3870\/revisions\/3880"}],"wp:attachment":[{"href":"https:\/\/colmcille.net\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/media?parent=3870"}],"wp:term":[{"taxonomy":"category","embeddable":true,"href":"https:\/\/colmcille.net\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/categories?post=3870"},{"taxonomy":"post_tag","embeddable":true,"href":"https:\/\/colmcille.net\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/tags?post=3870"}],"curies":[{"name":"wp","href":"https:\/\/api.w.org\/{rel}","templated":true}]}}