{"id":2006,"date":"2021-04-26T15:31:21","date_gmt":"2021-04-26T15:31:21","guid":{"rendered":"https:\/\/colmcille.net\/7-piosan-ealain-ura-mar-phairt-den-1500mh-ceann-bliadhna-bho-rugadh-colmcille\/"},"modified":"2021-04-26T15:34:40","modified_gmt":"2021-04-26T15:34:40","slug":"7-piosan-ealain-ura-mar-phairt-den-1500mh-ceann-bliadhna-bho-rugadh-colmcille","status":"publish","type":"post","link":"https:\/\/colmcille.net\/gd\/7-piosan-ealain-ura-mar-phairt-den-1500mh-ceann-bliadhna-bho-rugadh-colmcille\/","title":{"rendered":"7 p\u00ecosan ealain \u00f9ra mar ph\u00e0irt den 1500mh ceann-bliadhna bho rugadh Colmcille"},"content":{"rendered":"\n<p class=\"wp-block-paragraph\">Tha Acadamaidh R\u00ecoghail na h-\u00c8ireann air seachd p\u00ecosan ealain \u00f9ra a bharrantachadh, le taic bho Roinn nan C\u00f9isean C\u00e8in. Tha na coimiseanan sin anns na h-ealain l\u00e8irsinneach, ce\u00f2l agus litreachas. Tha iad nam p\u00e0irt den phr\u00f2gram cuimhneachaidh ioma-thaobhach a chuir an Acadamaidh air d\u00f2igh gus ceann-bliadhna m\u00f2r Colmcille, a rugadh 1500 bliadhna air ais ann an Gartan, D\u00f9n nan Gall, a chomharrachadh.<\/p>\n\n\n\n<p class=\"wp-block-paragraph\">Th\u00e8id na coimiseanan a dh\u00e8anamh leis an luchd-ealain a leanas:<\/p>\n\n\n\n<p class=\"wp-block-paragraph\">\u2022 Timothy O\u2019Neill, pr\u00ecomh l\u00e0mh-sgr\u00ecobhaiche. Cruthaichidh e obair ealain a chomharraicheas Colmcille mar l\u00e0mh-sgr\u00ecobhaiche agus a bhuaidh air traidisean nan l\u00e0mh-sgr\u00ecobhainnean.<\/p>\n\n\n\n<p class=\"wp-block-paragraph\">\u2022 R\u00f3is\u00edn de Buitl\u00e9ar, a tha air duaisean a chosnadh airson a cuid obair-ealain glainne. Bidh am p\u00ecos deilbheadh glainne aice a\u2019 freagairt creideas Colmcille gu bheil \u2018tr\u00ec diofar dh\u00f2ighean ann gus daoine a thoirt gu creideamh\u2019.<\/p>\n\n\n\n<p class=\"wp-block-paragraph\">\u2022 Julie Fowlis, \u00c9amon Doorley, Zo\u00eb Conway agus John McIntyre, luchd-ci\u00f9il le cli\u00f9 eadar-n\u00e0iseanta. Cumaidh iad \u00f2ran \u00f9r ri ch\u00e8ile, le brosnachadh mac-meanmnach bho bheatha agus obair Cholmille.<\/p>\n\n\n\n<p class=\"wp-block-paragraph\">\u2022 Biddy Jenkinson, b\u00e0rd is sgr\u00ecobhadair dr\u00e0ma ainmeil \u00c8ireannach. Bidh i a\u2019 sgr\u00ecobhadh dealbh-chluich leis an ainm \u2018\u00cd\u2019 anns a bheil Colmcille air a nochdadh air an d\u00e0 theine sa Ch\u00e8itean nuair a bha e gu bhith a\u2019 d\u00e8anamh cho-dh\u00f9naidhean m\u00f2ra na bheatha.<\/p>\n\n\n\n<p class=\"wp-block-paragraph\">\u2022 Proinsias Mac a\u2019 Bhaird, sgr\u00ecobhadair torrach Gaeilge. Bidh e a\u2019 cur ri ch\u00e8ile nobhail a tha a\u2019 smaoineachadh air \u00f2ige Colmcille ann an \u00c8irinn agus na suidheachaidhean a thug air eilthireachd a dh\u00e8anamh gu Eilean \u00cc.<\/p>\n\n\n\n<p class=\"wp-block-paragraph\">\u2022 Sandaidh Dh\u00f2mhnallach Jones, b\u00e0rd na G\u00e0idhlig bhon a&#8217; Mh\u00f2id leis An Comunn G\u00e0idhealach. Bidh i ag obair air sreath de dh\u00e0in st\u00e8idhichte air e\u00f2lasan beatha Colmcille agus buaidh a dhualchas.<\/p>\n\n\n\n<p class=\"wp-block-paragraph\">\u2022 S\u00ecm \u00d3 Faol\u00e1in, b\u00e0rd t\u00e0lantach \u00c8ireannach. Bidh e a\u2019 d\u00e8anamh sreath de dh\u00e0in st\u00e8idhichte air diofar amannan ann am beatha Colmcille agus na tomhasan eadar-dhealaichte den dualchas aige.<\/p>\n\n\n\n<p class=\"wp-block-paragraph\">Tha d\u00f9il ris na h-obraichean ealain timcheall air latha f\u00e8ill Naomh Columba, 9 \u00d2gmhios, agus bidh iad air an taisbeanadh gu poblach nas fhaide air a\u2019 bhliadhna.\r\n\r\nTha Acadamaidh R\u00ecoghail na h-\u00c8ireann cuideachd ag eagrachadh sreath de dh\u2019\u00f2raidean poblach air taobhan de dhualchas Colmcille as t-fhoghar, le taic bhon chomp\u00e0irteachas \u00c8ireannach-Albannach <\/p>\n","protected":false},"excerpt":{"rendered":"<p>Tha Acadamaidh R\u00ecoghail na h-\u00c8ireann air seachd p\u00ecosan ealain \u00f9ra a bharrantachadh, le taic bho Roinn nan C\u00f9isean C\u00e8in. Tha na coimiseanan sin anns na h-ealain l\u00e8irsinneach, ce\u00f2l agus litreachas. [&hellip;]<\/p>\n","protected":false},"author":2,"featured_media":2002,"comment_status":"closed","ping_status":"open","sticky":false,"template":"","format":"standard","meta":{"_acf_changed":false,"_genesis_hide_title":false,"_genesis_hide_breadcrumbs":false,"_genesis_hide_singular_image":false,"_genesis_hide_footer_widgets":false,"_genesis_custom_body_class":"","_genesis_custom_post_class":"","_genesis_layout":"","footnotes":""},"categories":[10],"tags":[],"class_list":["post-2006","post","type-post","status-publish","format-standard","has-post-thumbnail","category-uncategorized-gd","entry"],"acf":[],"featured_image_src":"https:\/\/colmcille.net\/wp-content\/uploads\/2021\/04\/Final-Press-Release-20-April-2021-002-600x400.jpg","featured_image_src_square":"https:\/\/colmcille.net\/wp-content\/uploads\/2021\/04\/Final-Press-Release-20-April-2021-002-600x600.jpg","author_info":{"display_name":"Brian \u00d3 hEadhra","author_link":"https:\/\/colmcille.net\/gd\/author\/brian\/"},"_links":{"self":[{"href":"https:\/\/colmcille.net\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/posts\/2006","targetHints":{"allow":["GET"]}}],"collection":[{"href":"https:\/\/colmcille.net\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/posts"}],"about":[{"href":"https:\/\/colmcille.net\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/types\/post"}],"author":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/colmcille.net\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/users\/2"}],"replies":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/colmcille.net\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/comments?post=2006"}],"version-history":[{"count":2,"href":"https:\/\/colmcille.net\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/posts\/2006\/revisions"}],"predecessor-version":[{"id":2011,"href":"https:\/\/colmcille.net\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/posts\/2006\/revisions\/2011"}],"wp:featuredmedia":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/colmcille.net\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/media\/2002"}],"wp:attachment":[{"href":"https:\/\/colmcille.net\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/media?parent=2006"}],"wp:term":[{"taxonomy":"category","embeddable":true,"href":"https:\/\/colmcille.net\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/categories?post=2006"},{"taxonomy":"post_tag","embeddable":true,"href":"https:\/\/colmcille.net\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/tags?post=2006"}],"curies":[{"name":"wp","href":"https:\/\/api.w.org\/{rel}","templated":true}]}}