{"id":1499,"date":"2021-02-03T11:07:23","date_gmt":"2021-02-03T11:07:23","guid":{"rendered":"https:\/\/colmcille.net\/?p=1499"},"modified":"2021-02-04T12:42:37","modified_gmt":"2021-02-04T12:42:37","slug":"luchd-na-gaidhlig-a-tighinn-comhla-gus-colmcille-1500-a-chumail","status":"publish","type":"post","link":"https:\/\/colmcille.net\/gd\/luchd-na-gaidhlig-a-tighinn-comhla-gus-colmcille-1500-a-chumail\/","title":{"rendered":"LUCHD NA G\u00c0IDHLIG A&#8217; TIGHINN C\u00d2MHLA GUS COLMCILLE 1500 A CHUMAIL"},"content":{"rendered":"\n<p class=\"wp-block-paragraph\">Tha Diluain 7 D\u00f9bhlachd 2020 a\u2019 comharrachadh toiseach Cholmcille 1500, cuimhneachan fad-bliadhna air 1500 bliadhna bho rugadh Naomh Calum Cille agus a dh\u00ecleab. T\u00f2isichidh agus cr\u00ecochnaichidh a\u2019 bhliadhna air 7 D\u00f9bhlachd, co-latha-breith traidiseanta an naoimh.<\/p>\n\n<figure class=\"wp-block-image size-large is-style-default\"><img decoding=\"async\" src=\"https:\/\/colmcille.net\/wp-content\/uploads\/2020\/12\/Banner-1024x342.jpg\" alt=\"\" class=\"wp-image-1507\"\/><\/figure>\n<p class=\"wp-block-paragraph\">Tha Colmcille 1500 a\u2019 faighinn taic agus cuideachadh bhon phr\u00f2gram com-p\u00e0irteachais \u2018Colmcille\u2019 air a ruith le <a href=\"http:\/\/www.gaidhlig.scot\">B\u00f2rd na G\u00e0idhlig<\/a> agus <a href=\"http:\/\/www.forasnagaeilge.ie\">Foras na Gaeilge<\/a>, a tha a\u2019 ceangal coimhearsnachdan G\u00e0idhlig na h-\u00c8ireann agus na h-Alba.<\/p>\n\n<p class=\"wp-block-paragraph\">Bha na coimhearsnachdan manachail a st\u00e8idhich Calum Cille a\u2019 ceangal thar linntean ri raon farsaing de dhaoine ann an \u00c8irinn, Alba agus ceann a tuath Shasainn, agus nas fhaide air falbh, a&#8217; s\u00ecneadh do mh\u00f2r-th\u00ecr na Roinn E\u00f2rpa. Th\u00e8id a\u2019 bhliadhna a chomharrachadh ann an iomadh d\u00f2igh eadar-dhealaichte le coimhearsnachdan agus buidhnean eadar-mheasgte. Bidh cuid a\u2019 coimhead ri d\u00ecleab spioradail is creideimh an naoimh; bidh \u00f9idh aig cuid ann an c\u00f9isean eachdraidheil agus \u00e0rsaidheachd; agus bidh cuid eile a\u2019 comharrachadh nan ceanglaichean c\u00e0nanach agus cultarail eadar na G\u00e0idheil air feadh na cruinne.<\/p>\n\n<p class=\"wp-block-paragraph\">Bidh B\u00f2rd na G\u00e0idhlig agus Foras na Gaeilge a\u2019 cuimseachadh air na ceanglaichean c\u00e0nanach is cultarach eadar d\u00f9thchannan, le raon de thachartasan air an dealbhadh airson na seachdain cur air bhog, nam measg:<\/p>\n\n<ul class=\"wp-block-list\"><li>Th\u00e8id sreath de theachdaireachdan bhidio bho dhaoine fa leth agus buidhnean a\u2019 comharrachadh Colmcille 1500 a sgaoileadh air duilleag Facebook Colmcille agus air www.colmcille.net <\/li><li>Th\u00e8id c\u00e8ilidh air-loidhne a chumail air duilleag Facebook Colmcille gus an d\u00e0 ch\u00e0nan, an ce\u00f2l agus an cultar a chomharrachadh agus a thaisbeanadh.<\/li><li>Cuiridh B\u00f2rd na G\u00e0idhlig maoin Cholmcille air bhog.  Is e maoin bhliadhnail a tha seo a tha fosgailte don h-uile duine, a\u2019 toirt taic do phr\u00f2iseactan a tha a\u2019 feuchainn ri ceanglaichean eadar luchd-labhairt na G\u00e0idhlig ann an Alba agus \u00c8irinn a neartachadh.<\/li><\/ul>\n<p class=\"wp-block-paragraph\">Thuirt <strong>Shona NicIllIinnein, Ceannard B\u00f2rd na G\u00e0idhlig,<\/strong> \u201cTha an Naomh Calum Cille agus a dh\u00ecleab air cumadh a thoirt air c\u00e0nan, cultar agus eachdraidh na h-Alba agus na h-\u00c8ireann, agus mar sin, tha a\u2019 bhliadhna na cothrom gus ceanglaichean eadar an d\u00e0 dh\u00f9thaich a neartachadh.\u00a0 Tha sinn a\u2019 coimhead air adhart ri barrachd thachartasan tron bhliadhna, le pr\u00ecomh thachartas air a phlanadh timcheall air F\u00e8ill Chaluim Chille air 9 \u00d2gmhios 2021.\u00a0 Mholainn dhan a h-uile duine p\u00e0irt a ghabhail annta agus a bhith a\u2019 comharrachadh na bliadhna ann an d\u00f2igh sam bith as urrainn dhaibh.\u201d<\/p>\n\n<p class=\"wp-block-paragraph\">Am measg cuid de na tachartasan a tha san amharc airson bliadhna Cholmcille 1500 tha:<\/p>\n\n<ul class=\"wp-block-list\"><li>Bhidio sanasachd goirid bho Showcase Scotland mu Gh\u00e0idhlig na h-Alba, le maoineachadh bho Bh\u00f2rd na G\u00e0idhlig. Bidh seo ag amas air luchd-adhartachaidh fh\u00e8isean agus tachartasan cultarach bho thall thairis. Bidh cuirm\/taisbeanadh air-loidhne ann cuideachd (coltach ris an Gaelic Showcase be\u00f2 sna bliadhnaichean a dh\u2019fhalbh).<\/li><li>Brosnaichidh B\u00f2rd na G\u00e0idhlig agus Foras na Gaeilge sgoiltean meadhain-Gh\u00e0idhlig a bhith a\u2019 ceangal ri ch\u00e8ile tro phr\u00f2iseactan bho gach taobh de Chuan na h-\u00c8ireann.<\/li><li>Tha B\u00f2rd na G\u00e0idhlig ann an c\u00f2mhraidhean le com-p\u00e0irtichean l\u00ecbhrigidh gus goireas air-loidhne \u00f9r a chruthachadh airson sgoiltean a bhios a\u2019 teagasg abairtean bunaiteach ann an G\u00e0idhlig agus Gaeilge gus am faigh clann (agus inbhich) conaltradh sa ch\u00e0nan.<\/li><li>Feadh na bliadhna, bidh CHARTS, a\u2019 bhuidheann cultair &amp; dualchais Albannach st\u00e8idhichte ann an Earra-Gh\u00e0idheal, ag ainmeachadh luchd-buannachaidh an sgeama duais ealain m\u00ecosail agus taisbeanadh air-loidhne aca gus \u00ecomhaigh agus taic a thoirt do obair luchd-ealain G\u00e0idhlig, air cuspairean a bhuineas ri Colmcille: <a href=\"https:\/\/www.chartsargyllandisles.org\/\">https:\/\/www.chartsargyllandisles.org\/<\/a>.<\/li><\/ul>\n<p class=\"wp-block-paragraph\">Thuirt <strong>Se\u00e1n \u00d3 Coinn, Pr\u00edomhfheidhmeannach (\u00c0rd-oifigear) Fhoras na Gaeilge<\/strong>, \u201cLe uiread aire air feadh na cruinne air na tha gar sgaradh, tha comharrachadh d\u00ecleab Cholmcille ann an 2021 a\u2019 toirt cothrom math dhuinn ceanglaichean l\u00e0idir c\u00e0nanach is cultarach a neartachadh eadar \u00c8irinn agus Alba, agus eadar ceann a tuath agus ceann a deas na h-\u00c8ireann. Leigidh an cuimhneachan a chaidh a dhealbhadh airson 2021 leinn leantainn an cas-cheum Cholmcille agus a dh\u00ecleab c\u00e0nanach is cultarach a chomharrachadh taobh a-muigh nan eileanan seo.<\/p>\n\n<p class=\"wp-block-paragraph\">\u201cTha mi a\u2019 coimhead air adhart ri com-p\u00e0irteachasan \u00f9ra eadar sgoiltean, ri ceanglaichean \u00f9ra eadar na ginealaichean, ri fiosrachadh \u00f9r a\u2019 tighinn am b\u00e0rr mu dh\u00ecleab Cholmille, agus ri bhith a\u2019 cleachdadh na d\u00ecleib sin gus ath-bheothachadh a dh\u00e8anamh air coimhearsnachdan ionadail.\u201d<\/p>\n\n<p class=\"wp-block-paragraph\">A bharrachd air na sgeamaichean bliadhnail a bhrosnaicheas ceanglaichean eadar G\u00e0idhlig na h-\u00c8ireann agus na h-Alba, tha Foras na Gaeilge an d\u00f2chas pr\u00f2gram maoineachadh coimhearsnachd a bharrachd ainmeachadh a dh\u2019aithghearr  gus aire a thogail mu Cholmille agus na chuir e ris na ceanglaichean c\u00e0nanach is cultarach eadar \u00c8irinn agus Alba.<\/p>\n\n<p class=\"wp-block-paragraph\">Fiosrachadh do luchd-deasachaidh:<\/p>\n\n<p class=\"wp-block-paragraph\">St\u00e8idhich Calum Cille (Columba san Laideann) manachainn Eilean \u00cc, agus bha manachainnean bho Doire gu Durrow ann an Offaly, agus Lindisfarne ann an ceann a tuath Shasainn, nam p\u00e0irt de theaghlach m\u00f2r de choimhearsnachdan manachail. Chithear an d\u00ecleab aca ann an:<\/p>\n\n<ul class=\"wp-block-list\"><li>toiseach sgr\u00ecobhaidh agus litearrachd a\u2019 toirt a-steach na l\u00e0imhe-sgr\u00ecobhainn \u00c8ireannaich as sine An Cathach.<\/li><li>na cl\u00e0ran sgr\u00ecobhte as tr\u00e0ithe, na h-annalaidhean, agus mar sin toiseach eachdraidh chl\u00e0raichte ann an \u00c8irinn agus Alba<\/li><li>Pr\u00ecomh obraichean ealain cr\u00e0bhaidh, gu s\u00f2nraichte na soisgeulan sgeadaichte, Leabhar Cheanannais, Leabhar Lindisfarne agus Leabhar Durrow<\/li><li>Tha a\u2019 chiad chroisean cearcaill \u00e0rda a-nis nan samhla air \u00c8irinn agus Cr\u00ecosdaidheachd Cheilteach<\/li><li>\u00d9r-ghn\u00e0thachadh ann an diopl\u00f2masaidh a\u2019 toirt a-steach C\u00e1in Adhamhn\u00e1n 697AD, n\u00e0dar de choinbheinsean Geneva tr\u00e0th a\u2019 d\u00econ boireannaich is clann aig \u00e0m cogaidh agus air a dhaingneachadh le r\u00ecghrean agus pearsachan eaglaise \u00e0 \u00c8irinn, Alba agus Sasainn a Tuath.<\/li><\/ul>\n<p class=\"wp-block-paragraph\">Tadhail air <a href=\"http:\/\/www.colmcille.net\">www.colmcille.net<\/a> airson fiosrachadh mu thachartasan.<\/p>\n\n<p class=\"wp-block-paragraph\">Thig c\u00f2mhla rinn air na meadhanan s\u00f2isealta tro na tagaichean <strong>#Colmcille1500 <\/strong>agus <strong>#Colmcille<\/strong> gus ceangal a dh\u00e8anamh ri coimhearsnachd eadar-mheasgte Cholmcille air-loidhne. Lean sinn air <a href=\"https:\/\/www.instagram.com\/_colmcille\/\"><strong>Instagram @Colmcille<\/strong><\/a> agus d\u00e8an like air <a href=\"https:\/\/www.facebook.com\/colmcille1500\"><strong>@Colmcille1500 air Facebook<\/strong><\/a> gus am fiosrachadh as \u00f9ire bhuainn fhaighinn<\/p>\n\n<p class=\"wp-block-paragraph\"><\/p>\n","protected":false},"excerpt":{"rendered":"<p>Tha Diluain 7 D\u00f9bhlachd 2020 a\u2019 comharrachadh toiseach Cholmcille 1500, cuimhneachan fad-bliadhna air 1500 bliadhna bho rugadh Naomh Calum Cille agus a dh\u00ecleab. T\u00f2isichidh agus cr\u00ecochnaichidh a\u2019 bhliadhna air 7 [&hellip;]<\/p>\n","protected":false},"author":2,"featured_media":0,"comment_status":"closed","ping_status":"closed","sticky":false,"template":"","format":"standard","meta":{"_acf_changed":false,"_genesis_hide_title":false,"_genesis_hide_breadcrumbs":false,"_genesis_hide_singular_image":false,"_genesis_hide_footer_widgets":false,"_genesis_custom_body_class":"","_genesis_custom_post_class":"","_genesis_layout":"","footnotes":""},"categories":[10],"tags":[],"class_list":["post-1499","post","type-post","status-publish","format-standard","category-uncategorized-gd","entry"],"acf":[],"featured_image_src":null,"featured_image_src_square":null,"author_info":{"display_name":"Brian \u00d3 hEadhra","author_link":"https:\/\/colmcille.net\/gd\/author\/brian\/"},"_links":{"self":[{"href":"https:\/\/colmcille.net\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/posts\/1499","targetHints":{"allow":["GET"]}}],"collection":[{"href":"https:\/\/colmcille.net\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/posts"}],"about":[{"href":"https:\/\/colmcille.net\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/types\/post"}],"author":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/colmcille.net\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/users\/2"}],"replies":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/colmcille.net\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/comments?post=1499"}],"version-history":[{"count":6,"href":"https:\/\/colmcille.net\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/posts\/1499\/revisions"}],"predecessor-version":[{"id":1736,"href":"https:\/\/colmcille.net\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/posts\/1499\/revisions\/1736"}],"wp:attachment":[{"href":"https:\/\/colmcille.net\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/media?parent=1499"}],"wp:term":[{"taxonomy":"category","embeddable":true,"href":"https:\/\/colmcille.net\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/categories?post=1499"},{"taxonomy":"post_tag","embeddable":true,"href":"https:\/\/colmcille.net\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/tags?post=1499"}],"curies":[{"name":"wp","href":"https:\/\/api.w.org\/{rel}","templated":true}]}}