{"id":1229,"date":"2020-07-27T15:34:00","date_gmt":"2020-07-27T15:34:00","guid":{"rendered":"https:\/\/colmcille.net\/colmcille-1500-scottish\/sgeulachdan-colmcille\/sgeulachd-aba-eilean-i\/"},"modified":"2020-07-27T15:34:01","modified_gmt":"2020-07-27T15:34:01","slug":"sgeulachd-aba-eilean-i","status":"publish","type":"page","link":"https:\/\/colmcille.net\/gd\/colmcille-1500-scottish\/sgeulachdan-colmcille\/sgeulachd-aba-eilean-i\/","title":{"rendered":"Sgeulachd Aba Eilean \u00cc"},"content":{"rendered":"<body><div>\n<p class=\"wp-block-paragraph\"><body><div>Tha ceudan de sgeulachdan againn mu dheidhinn Chaluim Chille, agus tha iad ag innse m\u00f2ran dhuinn mu c\u00f2 \u00e0s a th\u00e0inig an sgeulaiche agus d\u00e8 bha cudromach don sgeulaiche agus don luchd-\u00e8isteachd. Chaidh an cunntas as tr\u00e0ithe a tha air fh\u00e0gail de bheatha an naoimh a sgr\u00ecobhadh le aba Eilean \u00cc, Naomh Adhamhn\u00e1n.<\/div><\/body><\/p>\n<\/div><\/body><body><div>\n<p class=\"wp-block-paragraph\"><body><div>Sgr\u00ecobh an aba ann an Laideann agus bha e an d\u00f2chas cli\u00f9 Chaluim Chille a neartachadh san eaglais gu h-eadar-n\u00e0iseanta, ann an Northumbria agus air t\u00ecr-m\u00f2r na h-E\u00f2rpa a bharrachd air Eilean \u00cc.<\/div><\/body><\/p>\n<\/div><\/body><body><div>\n<p class=\"wp-block-paragraph\"><body><div>Seo tr\u00ec artaigilean le Brian Lacey mu dheidhinn cunntasan mu bheatha an naoimh.<\/div><\/body><\/p>\n<\/div><\/body>\n<div style=\"height:41px\" aria-hidden=\"true\" class=\"wp-block-spacer\"><\/div>\n<body><div>\n<h2 class=\"wp-block-heading\"><body><div><strong>Vita Columbae<\/strong><\/div><\/body><\/h2>\n<\/div><\/body>\n<div class=\"wp-block-columns is-layout-flex wp-container-core-columns-is-layout-8f761849 wp-block-columns-is-layout-flex\">\n<div class=\"wp-block-column is-layout-flow wp-block-column-is-layout-flow\"><body><div>\n<p class=\"wp-block-paragraph\"><body><div>Is e seo \u2018Beatha Chaluim Chille\u2019 a chaidh a sgr\u00ecobhadh ann an Laideann (le cuid de dh\u2019fhaclan sa Ghaeilge) le a neach-d\u00e0imh a th\u00e0inig \u00e0s a dh\u00e8idh mar 9mh aba Eilean \u00cc, Adhomn\u00e1n (Seann Ghaeilge &#8211; Adomn\u00e1n, air ainmeachadh mar Eunan sa Bheurla \u2013 p\u00e0tran-naomh aig easbaigean Caitligeach agus Eaglais na h-\u00c8ireann ann an R\u00e1th Bhoth\/Raphoe) a chaochail c.704.<\/div><\/body><\/p>\n<\/div><\/body>\n\n<body><div>\n<p class=\"wp-block-paragraph\"><body><div>Tha 4 lethbhreacan meadhan-aoiseil (a\u2019 riochdachadh 2 dhreach beagan eadar-dhealaichte) agus am fear as sine dhiubh L\u00e0mh-sgr\u00ecobhainn A, ris an canar Generalia I anns an stadtbibliotek ann an Schaffhausen, san Eilbheis.  Chaidh a lethbhreacadh &#8211; is d\u00f2cha bhon teacsa f\u00e8in-eachdraidh t\u00f9sail aig Adhamhn\u00e1n &#8211; le sgr\u00ecobhaiche leis an ainm Dorb\u00e9ne, a tha mar as trice air a chomharrachadh mar aba Eilean \u00cc a bh\u00e0saich ann an 713. Tha na 3 l\u00e0mh-sgr\u00ecobhainnean eile ris an canar mar as trice B1, B2 agus B3 m\u00f2ran nas \u00f2ige (12mh-15mh linn). Tha iad air an cumail ann an Leabharlann Bhreatainn ach \u2019s ann \u00e0 Cathair-eaglais Durham a th\u00e0inig iad, a shealbhaich traidiseanan manachainn Chaluim Chille Lindisfarne bho oirthir ear thuath Shasainn.<\/div><\/body><\/p>\n<\/div><\/body><\/div>\n\n\n\n<div class=\"wp-block-column is-layout-flow wp-block-column-is-layout-flow\"><body><div>\n<figure class=\"wp-block-image size-large\"><img loading=\"lazy\" decoding=\"async\" width=\"657\" height=\"1024\" src=\"https:\/\/colmcille.net\/wp-content\/uploads\/2020\/07\/16.jpg\" alt=\"\" class=\"wp-image-1208\" srcset=\"https:\/\/colmcille.net\/wp-content\/uploads\/2020\/07\/16.jpg 657w, https:\/\/colmcille.net\/wp-content\/uploads\/2020\/07\/16-192x300.jpg 192w\" sizes=\"auto, (max-width: 657px) 100vw, 657px\" \/><figcaption><body><div>\u201cDe Locis Sanctis\u201d le Naomh Adhamhn\u00e1n <\/div><\/body><\/figcaption><\/figure><\/div><\/body><\/div>\n<\/div>\n<body><div>\n<p class=\"wp-block-paragraph\"><body><div>Thathar ag r\u00e0dh gur e aithris Adhamhn\u00e1n an cunntas as tr\u00e0ithe mu bheatha an naoimh, ach is e hagiography a th\u2019 ann &#8211; chan e eachdraidh &#8211; agus chan urrainnear gabhail ris mar l\u00e0n fh\u00ecrinn ged is e s\u00e0r obair litreachais a th\u2019 ann.<\/div><\/body><\/p>\n<\/div><\/body><body><div>\n<p class=\"wp-block-paragraph\"><body><div>Thathar ag r\u00e0dh gun do sgr\u00ecobh Adhamhn\u00e1n, \u00f9ghdar an teacsa &#8211; e fh\u00e8in na neach inntinneach agus buadhach a tha cuideachd cli\u00f9iteach mar naomh &#8211; grunn obraichean eile agus is d\u00f2cha gur e an fheadhainn as cudromaiche (i) De Locis Sanctis &#8211; a tha an \u00ecre mhath na \u2018leabhar-i\u00f9il\u2019 ann an Laideann gu \u2018l\u00e0raichean\u2019 an T\u00ecr Naoimh mus t\u00e0inig na Muslamaich agus (ii) C\u00e1in Adhamhn\u00e1in &#8211; teacs lagh eaglaiseil, gu tric air a mh\u00ecneachadh mar chruth tr\u00e0th de na bhiodh ann fada an d\u00e8idh sin mar Cho-chruinneachadh Geneva air d\u00econ nan neoichiontach aig \u00e0m cogaidh. Ged a tha e sgr\u00ecobhte ann an seann Ghaeilge tha C\u00e1in Adhamhn\u00e1in uaireannan air ainmeachadh ann an Laideann mar an Lex Innocentium.<\/div><\/body><\/p>\n<\/div><\/body><body><div>\n<p class=\"wp-block-paragraph\"><body><div>Tha teacsa De Locis Sanctis (no p\u00e0irtean dheth) ann an c\u00f2rr air 20 l\u00e0mh-sgr\u00ecobhainn agus mar as trice thathar den bheachd gur e 4 &#8211; a\u2019 dol air ais chun 9mh linn &#8211; an fheadhainn as cudromaiche. Tha iad sin a-nis air an cumail ann am pr\u00ecomh leabharlannan l\u00e0mh-sgr\u00ecobhainnean ann an Vienna, Paris, Z\u00fcrich agus sa Bhruiseal. Tha teacsa C\u00e1in Adhamhn\u00e1in fhathast ann an d\u00e0 l\u00e0mh-sgr\u00ecobhainn: (i) l\u00e0mh-sgr\u00ecobhainn Rawlinson B512 bhon 15mh \/ 16mh linn ann an Leabharlann Bodleian ann an Oxford agus (ii) O\u2019Clery Ms 2324-40 &#8211; air a dh\u00e8anamh leis a\u2019 Bhr\u00e0thair M\u00edche\u00e1l \u00d3 Clyfel (pr\u00ecomh neach anns a\u2019 bhuidhinn ris an canar \u2018na Ceithir Maighstirean\u2019) air 31 M\u00e0rt 1627 aig taigh Frainseasach ann am Bun Drobhaise, Co. Dh\u00fan nan Gall. Tha seo a-nis air a chumail anns a\u2019 Bibliotheque Royale sa Bhruiseal.<\/div><\/body><\/p>\n<\/div><\/body><body><div>\n<p class=\"wp-block-paragraph\"><body><div>Chaidh leabhar Beatha Adhamhn\u00e1in a sgr\u00ecobhadh ann an Ceanannas, Co. na M\u00ed eadar 956 agus 964. Tha e ann an cruth searmon airson searmonachadh air f\u00e8ill an naoimh &#8211; 23 Sultain. Fhad \u2019s a tha e ag r\u00e0dh gun toir e cunntas air na rinn Adhamhn\u00e1n, tha e gu dearbh na roman-\u00e0-clef a\u2019 toirt iomradh \u00e0icheil air gi\u00f9lan Congalach mac Ma\u00edle Mithig, a th\u00e0inig gu bhith na r\u00ecgh air Teamhair\/Tara ann an 944. Chan eil e ach ann an aon l\u00e0mh-sgr\u00ecobhainn &#8211; air p\u00e0ipear agus ann an l\u00e0mh Br\u00e0thair M\u00edche\u00e1l \u00d3 Clyfel (a\u2019 dol air ais gu 1628-9 is d\u00f2cha) &#8211; a-nis anns a\u2019 Bibliotheque Royale sa Bhruiseal.<\/div><\/body><\/p>\n<\/div><\/body>\n<hr class=\"wp-block-separator is-style-wide\"\/>\n<body><div>\n<h2 class=\"wp-block-heading\"><body><div><strong>Mar a th\u00f2isich Calum Cille air a chuid ionnsachaidh agus f\u00e0idheadaireachd mu a bheatha<\/strong><\/div><\/body><\/h2>\n<\/div><\/body>\n<div class=\"wp-block-columns is-layout-flex wp-container-core-columns-is-layout-8f761849 wp-block-columns-is-layout-flex\">\n<div class=\"wp-block-column is-layout-flow wp-block-column-is-layout-flow\"><body><div>\n<p class=\"wp-block-paragraph\"><body><div>Nuair a th\u00e0inig an t-\u00e0m airson Calum Cille t\u00f2iseachadh air a chuid ionnsachaidh, chaidh Cruithneach\u00e1n, an tidsear aige, gu duine naomh a bha san sg\u00ecre a dh\u2019fhaighneachd dha cuin a bhiodh e iomchaidh don ghille \u00f2g t\u00f2iseachadh air a chuid ionnsachaidh. Bhruidhinn an duine naomh tro spiorad na f\u00e0idheadaireachd agus thuirt e: \u2018Sgr\u00ecobh aibideil dha a-nis.\u2019 Chaidh aibideil a sgr\u00ecobhadh dha an uairsin air buileann. <\/div><\/body><\/p>\n<\/div><\/body><\/div>\n\n\n\n<div class=\"wp-block-column is-layout-flow wp-block-column-is-layout-flow\"><body><div>\n<figure class=\"wp-block-image size-large\"><img loading=\"lazy\" decoding=\"async\" width=\"1024\" height=\"681\" src=\"https:\/\/colmcille.net\/wp-content\/uploads\/2020\/07\/clark-young-Crop-1024x681.jpg\" alt=\"\" class=\"wp-image-1212\" srcset=\"https:\/\/colmcille.net\/wp-content\/uploads\/2020\/07\/clark-young-Crop-1024x681.jpg 1024w, https:\/\/colmcille.net\/wp-content\/uploads\/2020\/07\/clark-young-Crop-300x200.jpg 300w, https:\/\/colmcille.net\/wp-content\/uploads\/2020\/07\/clark-young-Crop-768x511.jpg 768w, https:\/\/colmcille.net\/wp-content\/uploads\/2020\/07\/clark-young-Crop-1536x1022.jpg 1536w, https:\/\/colmcille.net\/wp-content\/uploads\/2020\/07\/clark-young-Crop-2048x1363.jpg 2048w, https:\/\/colmcille.net\/wp-content\/uploads\/2020\/07\/clark-young-Crop-600x400.jpg 600w\" sizes=\"auto, (max-width: 1024px) 100vw, 1024px\" \/><figcaption><body><div>Dealbh le Clark Young<\/div><\/body><\/figcaption><\/figure><\/div><\/body><\/div>\n<\/div>\n<body><div>\n<p class=\"wp-block-paragraph\"><body><div>A r\u00e8ir coltais, bha Calum Cille aig an \u00e0m sin na shuidhe ri taobh allt s\u00f2nraichte, agus dh\u2019ith e aon ph\u00e0irt den bhuileann air bruach an iar an t-srutha agus a\u2019 ph\u00e0irt eile air a\u2019 bhruach an ear den aon allt. A-rithist bhruidhinn an duine naomh tro ghr\u00e0s gliocais agus f\u00e0idheadaireachd ag r\u00e0dh: \u2018Bidh fearann a\u2019 bhalaich seo air gach taobh den uisge, is e sin, den mhuir; oir bidh aon ph\u00e0irt ann an \u00c8irinn agus a\u2019 ph\u00e0irt eile ann an Alba, agus caithidh e cuid den \u00f9ine aige anns an d\u00e0 \u00e0ite. Chaidh sin a dhearbhadh gu f\u00ecor mar a sheallas am Beatha nas fhaide air adhart.<\/div><\/body><\/p>\n<\/div><\/body><body><div>\n<p class=\"wp-block-paragraph\"><body><div>Bho Mh\u00e1nais U\u00ed Dh\u00f3naill \u2018Beatha Chaluim Cille\u2019 (1532)<\/div><\/body><\/p>\n<\/div><\/body>\n<hr class=\"wp-block-separator is-style-wide\"\/>\n<body><div>\n<h2 class=\"wp-block-heading\"><body><div><strong>Sgeulachd Abaid Dhoire<\/strong><\/div><\/body><\/h2>\n<\/div><\/body>\n<div class=\"wp-block-columns is-layout-flex wp-container-core-columns-is-layout-8f761849 wp-block-columns-is-layout-flex\">\n<div class=\"wp-block-column is-layout-flow wp-block-column-is-layout-flow\"><body><div>\n<p class=\"wp-block-paragraph\"><body><div>Tha ceudan de sgeulachdan againn mu dheidhinn Colmcille, agus tha iad ag innse m\u00f2ran dhuinn mu c\u00f2 \u00e0s a th\u00e0inig an sgeulaiche agus d\u00e8 bha cudromach don sgeulaiche agus don luchd-\u00e8isteachd.<\/div><\/body><\/p>\n<\/div><\/body>\n\n<body><div>\n<p class=\"wp-block-paragraph\"><body><div>Beatha Coluim Cille &#8211; a\u2019 bheatha ris an canar Beatha Meadhan Ghaeilge Chaluim Cille<\/div><\/body><\/p>\n<\/div><\/body><\/div>\n\n\n\n<div class=\"wp-block-column is-layout-flow wp-block-column-is-layout-flow\"><body><div>\n<figure class=\"wp-block-image size-large\"><img loading=\"lazy\" decoding=\"async\" width=\"1024\" height=\"1024\" src=\"https:\/\/colmcille.net\/wp-content\/uploads\/2020\/07\/3045468-1024x1024.jpg\" alt=\"\" class=\"wp-image-1216\" srcset=\"https:\/\/colmcille.net\/wp-content\/uploads\/2020\/07\/3045468-1024x1024.jpg 1024w, https:\/\/colmcille.net\/wp-content\/uploads\/2020\/07\/3045468-300x300.jpg 300w, https:\/\/colmcille.net\/wp-content\/uploads\/2020\/07\/3045468-150x150.jpg 150w, https:\/\/colmcille.net\/wp-content\/uploads\/2020\/07\/3045468-768x768.jpg 768w, https:\/\/colmcille.net\/wp-content\/uploads\/2020\/07\/3045468-1536x1536.jpg 1536w, https:\/\/colmcille.net\/wp-content\/uploads\/2020\/07\/3045468-80x80.jpg 80w, https:\/\/colmcille.net\/wp-content\/uploads\/2020\/07\/3045468-600x600.jpg 600w, https:\/\/colmcille.net\/wp-content\/uploads\/2020\/07\/3045468.jpg 2000w\" sizes=\"auto, (max-width: 1024px) 100vw, 1024px\" \/><figcaption><body><div>Dealbh le freepik<\/div><\/body><\/figcaption><\/figure><\/div><\/body><\/div>\n<\/div>\n<body><div>\n<p class=\"wp-block-paragraph\"><body><div>Anns an 12mh linn, chaidh beatha Chaluim Cille innse \u00e0s \u00f9r ann an Abaid Dhoire. Tha an sgeulachd seo a\u2019 toirt \u00e0ite cudromach do Dhoire agus don abaid ann an sgeulachd Chaluim Cille. Tha e ag innse m\u00f2ran mu Dhoire a bha a\u2019 f\u00e0s mar bhaile eaglaiseil aig an \u00e0m, agus tha e a\u2019 toirt buaidh air an dealbh a th\u2019 againn de Chalum Cille agus a bheatha ann an \u00c8irinn.<\/div><\/body><\/p>\n<\/div><\/body><body><div>\n<p class=\"wp-block-paragraph\"><body><div>Is e seo an d\u00e0rna \u2018Beatha\u2019 as sine a tha air fh\u00e0gail de Chalum Cille agus tha e ann an cruth searmoin a bhios air a shearmonachadh air latha f\u00e8ill an naoimh, 9 \u00d2gmhios. Tha e sgr\u00ecobhte ann an Gaeilge Mheadhanach agus chaidh a dh\u00e8anamh cha mh\u00f2r gu cinnteach ann an Doire eadar timcheall air 1150 agus 1180. Gu dearbh, is e an leabhar as sine a tha air fh\u00e0gail a chaidh a sgr\u00ecobhadh ann an Doire air a bheil sinn e\u00f2lach. Tha am pr\u00ecomh eileamaid structarail anns an teacsa mar chunntas air turas ficseanail leis an naomh timcheall air \u00c8irinn &#8211; a\u2019 t\u00f2iseachadh ann an Doire, \u2018a\u2019 chiad mhanachainn aige agus mar sin an t\u00e8 as fhe\u00e0rr leis\u2019 &#8211; a\u2019 st\u00e8idheachadh manachainnean agus eaglaisean. Tha an teacsa a\u2019 sealltainn Chaluim Cille mar bh\u00e0rd le rannan mar a leanas:<\/div><\/body><\/p>\n<\/div><\/body>\n<div class=\"wp-block-columns is-layout-flex wp-container-core-columns-is-layout-8f761849 wp-block-columns-is-layout-flex\">\n<div class=\"wp-block-column is-layout-flow wp-block-column-is-layout-flow\"><body><div>\n<p class=\"wp-block-paragraph\"><body><div>Is aire charaim Doire&#13;\nAr a r\u00e9ide, ar a gloine&#13;\nAr is loml\u00e1n aingel finn&#13;\n\u00d3n chinn co n-ice ar-oile<\/div><\/body><\/p>\n<\/div><\/body><\/div>\n\n\n\n<div class=\"wp-block-column is-layout-flow wp-block-column-is-layout-flow\"><body><div>\n<p class=\"wp-block-paragraph\"><body><div>Seo an fh\u00e0th mo ghr\u00e0dh do Dhoire&#13;\nTha i cho r\u00e8idh, cho glan&#13;\n\u00d2ir is lomlan d\u2019 aingeal fionn e&#13;\nBho cheann gu ceann.<\/div><\/body><\/p>\n<\/div><\/body><\/div>\n<\/div>\n<body><div>\n<p class=\"wp-block-paragraph\"><body><div>Tha an teacsa na shanasachd \u00e0s leth Dhoire ach tha e cuideachd a\u2019 taisbeanadh Chaluim Cille mar she\u00f2rsa de \u2018ph\u00e0tran\u2019 do dh\u2019eilthirich. Ged a thathar ag r\u00e0dh gu bheil e a\u2019 coimhead air an t-6mh linn, tha e nas luachmhoire mar fhianais air staid luchd-leantainn an naoimh san 12mh linn.<\/div><\/body><\/p>\n<\/div><\/body><body><div>\n<p class=\"wp-block-paragraph\"><body><div>Tha e fhathast ann an seachd l\u00e0mh-sgr\u00ecobhainnean de dhiofar chinn-latha san 15mh agus 16mh linn, a tha a-nis ann an leabharlannan ann an Acadamaidh R\u00ecoghail na h-\u00c8ireann, Baile \u00c0tha Cliath; \u00d3sta\u00ed an R\u00ed\/na Kings Inns, Baile \u00c0tha Cliath; Leabharlann Bhreatainn, Lunnainn; am Bibliotheque Nationale, Paris; leabharlann Taigh Chatsworth aig Di\u00f9c Devonshire; Leabharlann N\u00e0iseanta na h-Alba, D\u00f9n \u00c8ideann &#8211; l\u00e0mh-sgr\u00ecobhainnean Advocates. Chaidh an teacsa ann an t\u00e8 de l\u00e0mh-sgr\u00ecobhainnean Acadamaidh Rioghail na h-\u00c8ireann, ris an canar Leabhar Chl\u00ed Suibhne, ath-sgr\u00ecobhadh le Cithruad Mag Findgaill \u00e0 Eilean Thoraigh ann an 1513 no 1514 agus chaidh a dh\u00e8anamh airson M\u00e1ire, bean Mhic Suibhne Fh\u00e1nada.  <\/div><\/body><\/p>\n<\/div><\/body>","protected":false},"excerpt":{"rendered":"<p>Tha ceudan de sgeulachdan againn mu dheidhinn Chaluim Chille, agus tha iad ag innse m\u00f2ran dhuinn mu c\u00f2 \u00e0s a th\u00e0inig an sgeulaiche agus d\u00e8 bha cudromach don sgeulaiche agus [&hellip;]<\/p>\n","protected":false},"author":2,"featured_media":1210,"parent":730,"menu_order":0,"comment_status":"closed","ping_status":"closed","template":"","meta":{"_acf_changed":false,"_genesis_hide_title":false,"_genesis_hide_breadcrumbs":false,"_genesis_hide_singular_image":false,"_genesis_hide_footer_widgets":false,"_genesis_custom_body_class":"","_genesis_custom_post_class":"","_genesis_layout":"","footnotes":""},"class_list":["post-1229","page","type-page","status-publish","has-post-thumbnail","entry"],"acf":[],"featured_image_src":"https:\/\/colmcille.net\/wp-content\/uploads\/2020\/07\/16.jpg","featured_image_src_square":"https:\/\/colmcille.net\/wp-content\/uploads\/2020\/07\/16.jpg","_links":{"self":[{"href":"https:\/\/colmcille.net\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/pages\/1229","targetHints":{"allow":["GET"]}}],"collection":[{"href":"https:\/\/colmcille.net\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/pages"}],"about":[{"href":"https:\/\/colmcille.net\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/types\/page"}],"author":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/colmcille.net\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/users\/2"}],"replies":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/colmcille.net\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/comments?post=1229"}],"version-history":[{"count":1,"href":"https:\/\/colmcille.net\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/pages\/1229\/revisions"}],"predecessor-version":[{"id":1230,"href":"https:\/\/colmcille.net\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/pages\/1229\/revisions\/1230"}],"up":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/colmcille.net\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/pages\/730"}],"wp:featuredmedia":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/colmcille.net\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/media\/1210"}],"wp:attachment":[{"href":"https:\/\/colmcille.net\/gd\/wp-json\/wp\/v2\/media?parent=1229"}],"curies":[{"name":"wp","href":"https:\/\/api.w.org\/{rel}","templated":true}]}}