• Skip to primary navigation
  • Skip to main content
  • Gàidhlig
    • English (Beurla)
    • Gaeilge
Colmcille 1500 Logo - full colour - large - PNG

Colmcille

Colmcille

  • Dachaigh
  • Mu Dheidhinn
  • Naidheachdhan
  • Maoineachadh
  • Slighe Chaluim Chille
  • Goireasan
    • Sgeulachdan Colmcille
    • Foghlam
  • Cuir Fios
  • Show Search
Hide Search

Saoil mura robh bàird idir ann…

Maolcholaim Scott · An Cèitean 20, 2022 ·

Calum Cille agus na Bàird

Anns a’ bhliadhna 575 thug Àrd-Rìgh na h-Èireann Aodh Mac Ainmire cuireadh do uaislean a thighinn gu co-chruinneachadh cudromach ann an Droim Ceat, ann an sgìre Dhoire. Am measg nan cuspairean a chaidh a dheasbad bha dè bu chòir a dhèanamh le bàird na h-Èireann, a bha, na bheachd-san, air fàs caran bragail. B’ e aon de na rudan a chaidh a mholadh na bàird fhuadach à Èirinn.

Bha Calum Cille an làthair, agus sheas e às leth nam bàrd. Ach dè bhiodh air tachairt mura biodh e air bruidhinn a-mach agus dè bhiodh sinn air call mar nàisean?

Seo na ceistean a bhrosnaich am bàrd Daire Ní Chanáin agus i a’ tòiseachadh ag obair air dàn a chaidh a choimiseanadh mar phàirt de Cholmcille 1500. Fhuair an bhidio-dàn a thàinig às a sin a’ chiad fhoillseachadh air Latha Bàrdachd na h-Èireann air 28 Giblean 2022.

Tha Daire Ní Chanáin ag ràdh: “Mus do thòisich mi ag obair air a’ phìos seo cha robh mòran eòlais agam air Calum Cille agus bha e mìorbhaileach uiread ionnsachadh ma dheidhinn. Tha mi a’ faireachdainn gu bheil ceangal nas làidire agam ris às dèidh dhomh an obair seo a dhèanamh agus tha mi a-nis a’ mothachadh barrachd is barrachd den dìleab aige mun cuairt orm, gu sònraichte ’s mi a’ fuireach ann an Doire. Anns an dàn bha mi airson ùmhlachd a thoirt do na bàird a dh’fhalbh romham, agus cuideachd dhaibhsan a tha fhathast a’ sgrìobhadh sa Ghaeilge. Tha mi gu mòr nan comain. Agus tha sinn uile gu mòr an comain Chaluim Chille.”

Anns an dàn bha mi airson ùmhlachd a thoirt do na bàird a dh’fhalbh romham, agus cuideachd dhaibhsan a tha fhathast a’ sgrìobhadh sa Ghaeilge. Tha mi gu mòr nan comain. Agus tha sinn uile gu mòr an comain Chaluim Chille.”

Thuirt Tristan Rosenstock, co-òrdanaiche Colmcille 1500:

“Buinidh Daire do ghinealach ùr de bhàird a bhios a’ taisbeanadh an cuid obrach ann an dòighean ùra is brosnachail. Tha a bàrdachd fìor ealanta, agus an dòigh ’s a bheil i ga taisbeanadh. Nuair a choimheadas tu air a’ bhidio agus a chluinneas tu na faclan aice tha e follaiseach sa bhad gur e bàrd a th’ innte aig a bheil tuigse dhomhainn air an dualchas, ach gu bheil i a’ leantainn a slighe fhèin agus gu bheil a guth àraidh fhèin aice. Bha sinn air ar dòigh glan bàrd òg à Doire a bhith an sàs ann an Colmcille 1500.”

You can watch the video here.
https://www.youtube.com/watch?v=3Z-IhodljN8

#Colmcille1500

Uncategorized @gd

Cuir fios thugainn

Cuir Fios Thugainn

Èirinn

Foras na Gaeilge
2-6 Sràid na Banrighinn, Beul Feirste,
BT1 6ED
028 9089 0970


Alba

Bòrd na Gàidhlig
Taigh a' Ghlinne Mhòir, Inbhir Nis,
IV3 8NW
+44 (0)1463 225454

Bruidhinn rinn

Bruidhinn rinn

Tha sinn a' cur fàilte air beachdan agaibh agus bu mhath leinn fios fhaighinn air pròiseactan is tachartasan agaibh.

#colmcille #colmcille1500



© Colmcille 2023