• Skip to primary navigation
  • Skip to main content
  • Skip to primary sidebar
  • Gàidhlig
    • Gaeilge
    • English (Beurla)
Colmcille 1500 Logo - full colour - large - PNG

Colmcille

Colmcille

  • Dachaigh
  • Mu Dheidhinn
  • Naidheachdhan
  • Maoineachadh
  • Slighe Chaluim Chille
  • Goireasan
    • Sgeulachdan Colmcille
    • Foghlam
  • Cuir Fios
  • Show Search
Hide Search

Naidheachdhan

Laa Columb Killey – Latha Fhèill Chaluim Chille Eilean Mhanainn

Maolcholaim Scott · An t-Ògmhios 25, 2020 ·

Bannaght Columb Killey as yeearreeyn share voish Mannin

Beannachd Columb Killey agus gach deagh dhùrachd bho Mhanainn. Ó Phil Gawne [Tionndadh Gàidhlig gu h-ìosal]

Choud’s ta recortyssyn soilshey dooin ta feailley ny margey er ve goll er cummal ayns Skeerey Cairbre jannoo ard-eailley jeh Columb Killey er dyn 1733. Ayns e chooinaghtyn, screeu Dr Juan y Clague, eshyn ren recortys beeal-arrish as arraneyn as carryn tradishoonagh as hooar baase ayns 1908, “ta cooinaght aym pene er ollan, snaie olley, eggaghyn dy eaddagh, eeast chirmit, eeast sailjey as lhiare goll er creck er’n nah laa as feed Mean Souree er Laa Columb Killey” as “ta mee er nakin wheesh as feed bwaagyn ayn ry hoi creck lhune eddyr yn daa ghroghad.”

Hie yn margey magh ass ayns ayrn s’jerree y nuyoo keead jeig agh v’eh aavioghit ayns 1912 ec yn Ard-jaghin Kewley as ta laa seyr ny skeerey er ve ayn er dyn shen, lesh spoyrtyn, taishbynys troar as ellynyn, as kiaull as rinkaghyn. Hig keeadyn dy leih dagh blein dy chur shilley er ny goaill ayrn ayn as she laa mie inshit foast ayns blein heshoil ny Manninee https://soundcloud.com/phil-gawne/columb-killey-mannin

Tha clàran a’ sealltainn gun deach fèis, no fèill, a chumail ann am paraiste Arbory a’ comharrachadh Columb Killey bho co-dhiù 1733. Agus e a’ cuimhneachadh air an fhèill, tha an neach-cruinneachaidh beul-aithris is òrain, an Dr John Clague, a chaochail ann an 1908 ag ràdh “Tha cuimhne agam fhìn air clòimh, snàithlean clòimhe, lìn aodaich, iasg tiormaichte, sgadan salainn agus leathar, air an reic air an dàrna latha fichead de mhìos meadhan an t-samhraidh, air Latha Chaluim Chille” agus “Chunnaic mi suas ri fichead teanta a’ reic leann eadar an dà dhrochaid. ”

Tha e coltach gun do chrìochnaich an fhèill aig deireadh an naoidheimh linn deug ach chaidh ath-bheothachadh ann an 1912 leis an Àrd-diacon Kewley agus tha saor-làithean paraiste air a bhith ann le taisbeanaidhean spòrs, ealain is toradh agus ceòl is dannsa bhon uair sin. Bidh an fhèill a’ tàladh na ceudan de luchd-tadhail agus com-pàirtichean gach bliadhna agus tha i fhathast na prìomh phàirt de mhìosachan sòisealta Mhanainn.

Foras na Gaeilge agus Bòrd na Gàidhlig a’ cur làrach-lìn Colmcille ùr air bhog

Brian Ó hEadhra · An Cèitean 26, 2020 ·

Tha Foras na Gaeilge agus Bòrd na Gàidhlig fìor thoilichte làrach-lìn ùr a chur air dòigh airson prògram Cholmcille, a tha a’ ceangal Èirinn is Alba.  Thèid an làrach-lìn ùr a chur air bhog air 9 Ògmhios, Latha Fhèill Chaluim Chille. Air an làrach-lìn, chithear an suaicheantas ùr aig Colmcille, am prògram com-pàirteachais a tha a’ ceangal Gàidhlig na h-Alba agus na h-Èireann. Tha an làrach, a tha air a ruith leis an dà bhuidhinn, ri faighinn ann an Gaeilge, Gàidhlig agus Beurla agus tha i co-fhillte le seanailean nam meadhanan sòisealta.

Continue Reading

Féile na Gealaí

Micheál Ó Maolruanaidh · An Cèitean 19, 2020 ·

Chaidh Féile na Gealaí a stèidheachadh ann an 2016 mar fhèis campachaidh do luchd-labhairt na Gaeilge gus ceòl, gach seòrsa ealain agus cultar Èireannach adhartachadh ann an dòigh ùr agus ùr-ghnàthach.

Bha e na amas dhaibh cuideachd, gun deidheadh ceanglaichean a stèidheachadh le buidhnean, daoine agus luchd-ealain a bhruidhneadh Gàidhlig na h-Alba agus a bhiodh deònach pàirt a ghabhail ann an tachartasan na fèise. Seo cuid den luchd-ealain Albannach a tha air pàirt a ghabhail san fhèis gu ruige seo: Niteworks, Griogair Labhraidh, Sian, Trail West agus Whyte. Tha ùidh mhòr aig luchd-èisteachd na h-Èireann ann a bhith a’ measgachadh seinn eileagtronaigeach agus sean-nòs le Niteworks, mar eisimpleir. Chan eil fèis làn-Ghàidhlig ann an Alba an-dràsta agus tha e a’ còrdadh ri luchd-labhairt na Gàidhlig a bhios a’ frithealadh na fèise gu mòr.

Continue Reading

Taisteal Òigridh gu Eilean Leòdhais

Maolcholaim Scott · An Cèitean 18, 2020 ·

Faodaidh e a bhith na dhùbhlan dha deugairean a thighinn còmhla agus a’ Ghàidhlig a chleachdadh, ach tha turas air bus agus bàta a’ cuideachadh buidheann ann an Contae Dhoire gus an dùbhlan sin a choileanadh.

Airson grunn bhliadhnaichean, tha bus 50 suidheachan bho Ghàidhealtachd Dhùn nan Gall air a bhith a’ siubhal gu Siorrachd Dhoire agus air adhart gu Eilean Leòdhais. Tha am bus làn de dheugairean agus an fheadhainn a tha gan cuideachadh, agus tha an amas aca stèidhichte air Fèis Eilean an Fhraoich, fèis na h-òigridh ann an Leòdhas, agus air daoine òga den aois aca fhèin a bhruidhneas Gàidhlig na h-Alba.

Tha an turas air a chur air dòigh le buidheann òigridh, Club Óige Luraigh, aon de lìonra de bhuidhnean Gaeilge a tha air leasachadh ann an sgìre dhùthchail ann an Contae Dhoire. Bidh an club ag obair ann an com-pàirteachas leis an fhèis ann an Leòdhas, agus le Muintearas, buidheann òigridh Gaeltacht ann an Èirinn. Bidh deugairean à Ghàidhealtachd Dhùn nan Gall, Gàidhealtachd Chonamara agus à Doire air a’ bhus.

Bidh daoine òga à Èirinn a’ gabhail pàirt ann an tachartasan ciùil agus iomain ann an Leòdhas a bharrachd air clasaichean cànain, agus bidh bùthan-obrach dràma gan cuideachadh leis a bhith a’ cleachdadh Gàidhlig na h-Alba.

Òigridh air bàta
Òigridh aig Calanais
Òigridh aig Comhairle nan Eilean Siar

Tha Joe Ó Dochartaigh, neach-obrach òigridh aig Club Óige Luraigh, ag ràdh gu bheil an taisteal bliadhnail a’ cruth-atharrachadh obair a’ chluba òigridh. Eadhon ged a fhuair iad foghlam bun-sgoile tro mheadhan na Gaeilge, faodaidh na deugairean sin aig nach eil Gaeilge aig an taigh gèilleadh ri cuideam a bhith a’ bruidhinn Beurla nam measg fhèin. Ach tha a’ bhuaidh fhèin aig an taisteal bhliadhnail gu Leòdhas: mar a bhios an òigridh a’ cur oidhirp a-steach don fhèis agus an turas fada an sin agus air ais, tha iad a’ roghnachadh Gaeilge a bhruidhinn am measg a chèile, roghainn a chumas iad nuair a thilleas iad dhachaigh gu Contae Dhoire.

Càirdeasan

Tha càirdeas ùr mar thoradh eile den taisteal; càirdeas eadar daoine ann an Leòdhas agus Siorrachd Dhoire, eadar deugairean ann an Contae Dhoire agus air a’ Ghàidhealtachd ann an Èirinn. Chaidh cuireadh a thoirt do luchd-ciùil òga à Èirinn cluich aig fèis mhòr ciùil Leòdhais, an Hebcelt; tha teaghlaichean à Leòdhas air tighinn a thadhal air teaghlaichean ann an Contae Dhoire. Tha aon fhear òg a tha air a bhith air an turas, Dubhaltach Mac Conmidhe ag ionnsachadh airson ceum ann an Gàidhlig na h-Alba ann an Glaschu.

Dè th’ ann an Iomain Cholmcille?

Brian Ó hEadhra · An Cèitean 18, 2020 ·

Thòisich Iomain Cholmcille le aon gheama iomain eadar club à Èirinn Cumann Micheal Breathnach agus cruinneachadh de chluicheadairean Albannach anns an Òban ann an 2007.

Aig cridhe an tachartais bha cànan nan Gàidheal. Dh’fheumadh Gàidhlig no Gaeilge a bhith aig gach neach air a’ phàirc agus dh’fheumadh iad a cleachdadh cuideachd. Chòrd e gu math ris a h-uile neach ach cha b’ e sin deireadh na sgeòil.

Às dèidh a’ chiad gheama sin anns an Òban, tha am pròiseact air fàs gu mòr thairis air dusan farpais ann an Conamara, an t-Eilean Sgitheanach, Dùn nan Gall, Glaschu agus An Gearasdan.

Ann an 2015 thòisich farpais nam bàn agus an Còrn Sgàthach, agus tha farpaisean òigridh air a bhith ann bhon a thòisich an rud. Tha coidseadh air a thoirt seachad mar as trice leis an sgioba a tha a’ tadhal air an dùthaich sa bheil an fharpais agus tha seo a’ togail misneachd nan daoine.

Tha deagh ìre de chluich aig na geamannan seo, le cluicheadairean le Gàidhlig a tha air cluich aig an ìre as àirde den gheama a’ cluich còmhla ri feadhainn o na clubaichean nas lugha. Tha i air tòrr luchd-amhairc a tharraing agus tha cliù mòr aice mar shealladh anabarrach math ge b’ e far an tèid a cumail.

Tha ceòl agus craic glè chudromach dhan ghnothach cuideachd, agus tha iomadh cèilidh mhath air a bhith aig gach farpais le cluicheadairean agus oifigearan a’ faighinn a’ chothruim bruidhinn ri chèile agus ionnsachadh o chèile.

Na Buannachdan

Tha buannachd Iomain Cholmcille a’ leantainn le ceanglaichean gan neartachadh eadar Gàidheil taobh a-staigh gach dùthaich agus eadar an dà dhùthaich, le càirdeasan làidir air an togail thar nam bliadhnaichean.

Tha cleachdadh na Gàidhlig agus togail misneachd aig cridhe a h-uile càil a nì Iomain Cholmcille. Tha i a’ toirt cothrom agus àite do dhaoine òga le ùidh ann an spòrs nan Gàidheal a bhith a’ cur an cuid chànainean gu feum ann an suidheachadh spòrsail, neo-fhoirmeil làn spionnadh is brosnachadh.

Ann an Alba, tha Iomain Cholmcille (Alba) cuideachd ag obair le taic o Bhòrd na Gàidhlig airson inbhe na Gàidhlig ann an camanachd a thogail, le farpaisean òigridh agus tachartasan coimhearsnachd.

  • « Go to Previous Page
  • Go to page 1
  • Interim pages omitted …
  • Go to page 6
  • Go to page 7
  • Go to page 8

Primary Sidebar

News

  • Lusanna/Lussyn/Lusan & Feamainn Famlach Feamainn
  • Première Film: Calman nan Loch, 9 an Dùbhlachd, An Lanntair, Steòrnabhagh.
  • Laa Columb Cilley
  • Saoil mura robh bàird idir ann…

Cuir fios thugainn

Cuir Fios Thugainn

Èirinn

Foras na Gaeilge
2-6 Sràid na Banrighinn, Beul Feirste,
BT1 6ED
028 9089 0970


Alba

Bòrd na Gàidhlig
Taigh a' Ghlinne Mhòir, Inbhir Nis,
IV3 8NW
+44 (0)1463 225454

Bruidhinn rinn

Bruidhinn rinn

Tha sinn a' cur fàilte air beachdan agaibh agus bu mhath leinn fios fhaighinn air pròiseactan is tachartasan agaibh.

#colmcille #colmcille1500



© Colmcille 2023