• Skip to primary navigation
  • Skip to main content
  • Skip to primary sidebar
  • Gàidhlig
    • Gaeilge
    • English (Beurla)
Colmcille 1500 Logo - full colour - large - PNG

Colmcille

Colmcille

  • Dachaigh
  • Mu Dheidhinn
  • Naidheachdhan
  • Maoineachadh
  • Slighe Chaluim Chille
  • Goireasan
    • Sgeulachdan Colmcille
    • Foghlam
  • Cuir Fios
  • Show Search
Hide Search

Naidheachdhan

Naomh Adhamhnan agus Cùmhnantan Geneva

Maolcholaim Scott · An t-Sultain 22, 2021 ·

Is e 23 an t-Sultain latha fèill Adhamhnain. Ceud bliadha às dèidh Chaluim Chille, b’e Naomh Adhamhnán 9mh aba Eilean Ì. B’ e a sgrìobh Beatha Chaluim Chille, nó Vita Columbae, ann an Laidin, agus thug cunntas air mar a thug Calum Cille rìgh Dhàl Riata agus rìgh Chineál Chonaill le chéile aig co-chruinneachadh Dhroim Ceat gus síoth a dheanamh eatarra, agus saorsa fhaighinn dha phrìosanach.

Bhruidhinn Adhamhnan le daoine à iomadach dùthaich, thug e cuairt air rìghrean agus air clèir agus ri dioplòmasaidh agus ri urnaigh ‘ s ann a thàinig e air dòigh ùr gu bhith a’ cur an aghaidh an fhòirneirt. Tha nàidheachd ann fhathast còrr agus 1400 bliadhna às dèidh a bhàis. Tha leabhar ùr a-muigh aig an neach-lagh agus neach-eachdraigh James W. Houlihan ‘tha ag innse na sgeulachd seo, agus na coltasan láidre tha aice ri Cùmhnantan Geneva a chuir bonn fon lagh eadarnàiseanta às dèidh an dà chogaidh mhóir anns an fhicheadamh linn.

Ann an aimsir Adhamhnain, bha rìghrean fhathast a’ cur cogadh air càch a chèile. Thuig Naomh Adhamhnan nach gabhadh a chur às dhan cogadh uile gu lèir ach bu e a mhian bacadh a chur ri fòirneart an aghaidh mnathan agus cloinn’ agus an fheadhainn nach robh a’ sabaid.

Anns a’ bhliadhna 697 ‘s ann a chaidh aig Adhamhnán air rìghrean, abachan, easpaig agus ceannardan eaglasta an ceann a chéile aig Biorra in Uíbh Fháile in Éirinn. Ba Rìgh na Teamhrach ga chuideachadh. ‘S ann a rinne a’ co-chruinneachadh lagh ùr-nodha eadar rìoghachdan agus eaglaisean feadh Èireann dh’Alba agus fiù’s gu abaid Lindisfarne ann an ceann Northumbria. Chuir 91 rìgh agus ceannard eaglasta an ainm ris. Nam measg bha ab Ard Mhacha, rìgh na Teamhrach, rìgh Dhàl Riata in Èirinn agus ann an Alba, agus Bruide, rìgh nan Cruithneach. Cha deach a leitheid eile de lagh a dheanamh gu Cùmhnantan Geneva, nuair a tháinig dùthchanan ri chéile às dèidh an dà chogaidh mhóir, tuilleadh agus 1400 bliadha às dèidh sin. ‘S e an aon mhodh-obrach tha air cùl nan cùmhnantan air Atharrachadh Clìomaid. Gum bu buan dìleab Adhamhnáin!

James W. Houlihan (2020): Adomnán’s Lex Innocentium and the Laws of War, Dublin, Four Courts Press.

Coimiseanan Colmcille 1500

Maolcholaim Scott · An t-Sultain 6, 2021 ·

Mar phàirt de chomharradh Colmcille 1500, tha Foras na Gaeilge an dùil grunn choimiseanan a bhuileachadh air luchd-ealain ann an Èirinn agus Alba ron 15 Sultain. Tha iad ag iarraidh obraichean a chuireas fòcas air pàirt air choreigin de dhualchas Colmcille agus an dàimh eadar coimhearsnachdan Gàidhlig na h-Èireann agus na h-Alba anns gach raon de na h-ealain. Thathas an dùil gum bi coimiseanan eadar € 2,500 agus € 15,000 is a’ dèanamh ceangal le Colmcille agus an ceangal eadar Gàidhlig na h-Èireann agus na h-Alba. Ma tha pròiseact agad san amharc cuir fios thuca aig colmcille@forasnagaeilge.ie. Ceann latha mu dheireadh 15 Sultain 2021.

Foirm-iarratais-Colmcille-1500-Gaeilge-1Foirm iarratas Cholmcille 1500 – Gaeilge
Foirm-Iarratais-Colmcille-1500-GàidhligDownload

Seachdain Dualchais Nàiseanta

Aodh Mac Ruairí · An Lùnastal 12, 2021 ·

Sreath de naoi òraidean air-loidhne Colmcille 1500 air an cur air dòigh le Seirbheis Leabharlann Dhùn nan Gall le aoighean Dr. Brian Lacey, Christy Gillespie, Donal Mac Polin, Tim Stampton, Paula de Fougerolles agus Joe Brennan. Tha na h-òraidean seo an-asgaidh agus thèid an sgaoileadh air-loidhne air sianal YouTube Comhairle Siorrachd Dhùn nan Gall aig https://www.youtube.com/user/wwwdonegalcocoie/videos Tuilleadh fiosrachaidh aig: www.donegallibrary.ie

Tuilleadh foisrachadh aig: www.donegallibrary.ie

Meitheal Cholmcille

Aodh Mac Ruairí · An t-Iuchar 23, 2021 ·

MEITHEAL CHOLMCILLE – 8 Lùnastal

Bidh an neach-ealain eileanach Cathal Mc Ginley a’ cumail pròiseact ealain air Inisdooey mar phàirt de chomharrachadh Colmcille 1500 am-bliadhna. Bidh buaidh aig beul-aithris ionadail air cuspair a’ phròiseict agus an ceangal eadar Colmcille agus naomh Dubhthach ris na h-eileanan ionadail. Bidh clann Club Óige Mhachaire Rabhartaigh còmhla ri Cathal air 30 Iuchar gus crìoch a chur air a’ phròiseact.

Air 8 Lùnastal bidh taisbeanadh de obair-ealain na cloinne agus Cathal. Bidh cuideachd, turas treòraichte agus turas bàta timcheall air Inis Bó Finne le òrain, sgeulachdan agus biadh is deoch. Tuilleadh @ 087 656 1879

An cas as fheàrr air adhart – Slí Cholmcille 2021

Maolcholaim Scott · An t-Iuchar 8, 2021 ·

Tha iomairt fad-ùine ann airson Slí Cholmcille fhàs ann an Dùn nan Gall agus Doire mar chuairt astar fada às deidh pàtran Camino de Santiago de Compostella eadar an Fhraing agus an Spàinn.

Tha Mgr Denis a’ cur stampa air pas an taistealaich, an t-Easbaig Alan McGuckian (Gleann Cholm Cille 2020)

Tha mòran ri thabhann aig an Slí. Tha tòrr àiteachan ann an Dùn nan Gall bho Ghleann Cholmcille gu Tòraidh agus Gartan aig a bheil ceanglaichean làidir ri Colmcille no Columba, an naomh mòr a tha air a roinn le Èirinn, Alba agus ceann a tuath Shasainn. Tha fèill mhòr air coiseachd astar fada an dà chuid mar thuras spioradail, agus mar dhòigh gus ceangal ris an t-sealladh-tìre nàdarra.

Am-bliadhna, mar an-uiridh, bidh COVID a’ cuingealachadh na tha de dhaoine a’ gabhail pàirt, ach cuiridh còmhlan dhaoine a-mach air 4 Iuchar gus coiseachd 270 km bho Gleann Cholm Cille gu Doire thairis air dusan latha agus iad a’ crìochnachadh aig Shroove ann an Inis Eoghain. Air an t-slighe, tadhlaidh iad air an t-seann bhaile manachail ann an Tòraidh, àite breith an naoimh ann an Gartan, seann làrach manachail Raphoe, agus a ’chrois àrd aig Ray, a’ chrois fhàinne as àirde agus as sine ann an Èirinn.

Chaidh cuairt tòiseachaidh a dhèanamh mar-thà san Ògmhios bho bhaile Dhùn nan Gall gu Gleann Cholmcille, a’ ceangal dualchas Columban taobh an ear-dheas Dhùn nan Gall agus àiteachan mar Drumhome agus Disert leis a’ chòrr den Slí. Bidh cuairt ann a-rithist bho Dhùn nan Gall gu Disert air 3 Iuchar.

Tha prògram Colmcille 1500 a’ comharrachadh 1500 bliadhna bho rugadh Colmcille no Columba, agus thathas an dòchas gum fàs a’ chuairt ann an stoidhle camino mar dhìleab fad-ùine. Tha mòran dealbhaidh is ceangail a’ dol air adhart, agus tha a’ bhuidheann obrach a’ toirt a-steach riochdachadh bho dhiofar eaglaisean agus bho luchd-coiseachd agus buidhnean coimhearsnachd.

Am-bliadhna tha an àireamh de chom-pàirtichean clàraichte aig 30. Airson tuilleadh fiosrachaidh mun chlàr-siubhail agus gus clàradh airson coiseachd cuir fios gu maureenwcurran@yahoo.ie

  • « Go to Previous Page
  • Go to page 1
  • Go to page 2
  • Go to page 3
  • Go to page 4
  • Go to page 5
  • Interim pages omitted …
  • Go to page 8
  • Go to Next Page »

Primary Sidebar

News

  • Lusanna/Lussyn/Lusan & Feamainn Famlach Feamainn
  • Première Film: Calman nan Loch, 9 an Dùbhlachd, An Lanntair, Steòrnabhagh.
  • Laa Columb Cilley
  • Saoil mura robh bàird idir ann…

Cuir fios thugainn

Cuir Fios Thugainn

Èirinn

Foras na Gaeilge
2-6 Sràid na Banrighinn, Beul Feirste,
BT1 6ED
028 9089 0970


Alba

Bòrd na Gàidhlig
Taigh a' Ghlinne Mhòir, Inbhir Nis,
IV3 8NW
+44 (0)1463 225454

Bruidhinn rinn

Bruidhinn rinn

Tha sinn a' cur fàilte air beachdan agaibh agus bu mhath leinn fios fhaighinn air pròiseactan is tachartasan agaibh.

#colmcille #colmcille1500



© Colmcille 2023