• Skip to primary navigation
  • Skip to main content
  • Gàidhlig
    • Gaeilge
    • English (Beurla)
Colmcille 1500 Logo - full colour - large - PNG

Colmcille

Colmcille

  • Dachaigh
  • Mu Dheidhinn
  • Naidheachdhan
  • Maoineachadh
  • Slighe Chaluim Chille
  • Goireasan
    • Sgeulachdan Colmcille
    • Foghlam
  • Cuir Fios
  • Show Search
Hide Search

Naomh Adhamhnan agus Cùmhnantan Geneva

Maolcholaim Scott · 22 An t-Sultain 2021 ·

Is e 23 an t-Sultain latha fèill Adhamhnain. Ceud bliadha às dèidh Chaluim Chille, b’e Naomh Adhamhnán 9mh aba Eilean Ì. B’ e a sgrìobh Beatha Chaluim Chille, nó Vita Columbae, ann an Laidin, agus thug cunntas air mar a thug Calum Cille rìgh Dhàl Riata agus rìgh Chineál Chonaill le chéile aig co-chruinneachadh Dhroim Ceat gus síoth a dheanamh eatarra, agus saorsa fhaighinn dha phrìosanach.

Bhruidhinn Adhamhnan le daoine à iomadach dùthaich, thug e cuairt air rìghrean agus air clèir agus ri dioplòmasaidh agus ri urnaigh ‘ s ann a thàinig e air dòigh ùr gu bhith a’ cur an aghaidh an fhòirneirt. Tha nàidheachd ann fhathast còrr agus 1400 bliadhna às dèidh a bhàis. Tha leabhar ùr a-muigh aig an neach-lagh agus neach-eachdraigh James W. Houlihan ‘tha ag innse na sgeulachd seo, agus na coltasan láidre tha aice ri Cùmhnantan Geneva a chuir bonn fon lagh eadarnàiseanta às dèidh an dà chogaidh mhóir anns an fhicheadamh linn.

Ann an aimsir Adhamhnain, bha rìghrean fhathast a’ cur cogadh air càch a chèile. Thuig Naomh Adhamhnan nach gabhadh a chur às dhan cogadh uile gu lèir ach bu e a mhian bacadh a chur ri fòirneart an aghaidh mnathan agus cloinn’ agus an fheadhainn nach robh a’ sabaid.

Anns a’ bhliadhna 697 ‘s ann a chaidh aig Adhamhnán air rìghrean, abachan, easpaig agus ceannardan eaglasta an ceann a chéile aig Biorra in Uíbh Fháile in Éirinn. Ba Rìgh na Teamhrach ga chuideachadh. ‘S ann a rinne a’ co-chruinneachadh lagh ùr-nodha eadar rìoghachdan agus eaglaisean feadh Èireann dh’Alba agus fiù’s gu abaid Lindisfarne ann an ceann Northumbria. Chuir 91 rìgh agus ceannard eaglasta an ainm ris. Nam measg bha ab Ard Mhacha, rìgh na Teamhrach, rìgh Dhàl Riata in Èirinn agus ann an Alba, agus Bruide, rìgh nan Cruithneach. Cha deach a leitheid eile de lagh a dheanamh gu Cùmhnantan Geneva, nuair a tháinig dùthchanan ri chéile às dèidh an dà chogaidh mhóir, tuilleadh agus 1400 bliadha às dèidh sin. ‘S e an aon mhodh-obrach tha air cùl nan cùmhnantan air Atharrachadh Clìomaid. Gum bu buan dìleab Adhamhnáin!

James W. Houlihan (2020): Adomnán’s Lex Innocentium and the Laws of War, Dublin, Four Courts Press.

Uncategorized @gd

Cuir fios thugainn

Cuir Fios Thugainn

Èirinn

Foras na Gaeilge
2-6 Sràid na Banrighinn, Beul Feirste,
BT1 6ED
028 9089 0970


Alba

Bòrd na Gàidhlig
Taigh a' Ghlinne Mhòir, Inbhir Nis,
IV3 8NW
+44 (0)1463 225454

Bruidhinn rinn

Bruidhinn rinn

Tha sinn a' cur fàilte air beachdan agaibh agus bu mhath leinn fios fhaighinn air pròiseactan is tachartasan agaibh.

#colmcille #colmcille1500



© Colmcille 2026