
- This event has passed.
Mion-mhìnearan an t-saoghail, aontaicheamaid! Le Dr Ben Ó Ceallaigh
An t-Ògmhios 23, 2021 @ 7:00 f - 9:30 f UTC+0

Dùbhlain is dòchasan airson mion-chànanan aig àm buaireasach
’S e òraidiche san Roinn Ceilteach in Oilthigh Aberystwyth sa Chuimrigh a th’ ann am Ben Ó Ceallaigh. Às Ros Comáin in Éirinn e agus ’s e adhbhar phròis dha bhith na bhall den bhuidheann Misneach(d). Cheumnaich e le PhD bho Oilthigh Dhùn Èideann an-uiridh, le tràchdas a bha a-mach air buaidh èiginneachd 2008 air Gaeltacht na h-Éireann.
San òraid seo, bheir Ben iomradh air dùbhlan no dhà a bhios ron Ghaeilge, agus ro iomadach mion-chànan eile – Gàidhlig na h-Alba nam measg. Nitear ceangal cuideachd ri ceist na h-àrainneachd, a’ coimhead air luchd nam mion-chànan ’s iad, a rèir coltas, a’ luasgadh eadar dùbhlain agus dòchas air feadh na cruinne.