Tha Cassan mar ainm air com-pàirteachas eadar Bun-sgoil tro mheadhan Gàidhlig Mhanainn ann an Eilean Mhanainn agus Conradh na Gaeilge Boirche ann an ceann a deas Contae an Dúin. A-nis tha iad air tighinn còmhla gus goireas a dhèanamh a bheir fiosrachadh seachad air Gaelg, Gaeilge agus Gàidhlig agus a bhios ri fhaighinn gu farsaing do sgoiltean air feadh nan eilean seo: sreath brèagha de sheachd postairean le briathrachas feumail gus an ionnsaich oileanaich mu na dàimhean eadar na cànanan Gàidhlig.
Tha ‘Cassan’- casan – a’ ciallachadh frith-rathad ann an Gàidhlig Mhanainn. Tha Eilean Mhanainn ri fhaicinn bho Bheanna Boirche, far a bheil Bun-sgoil na mBeann, aig a bheil dlùth cheangal ri Conradh na Gàidhlig na Moirne Ìosal. B’ e an luchd-ealain Vicki Webb à Eilean Mhanainn agus Andrea McCloskey à Contae an Dúin. Is iadsan Josephine Siriu Dunbar, cànanaiche agus oifigear leasachaidh aig Conradh na Gaeilge Boirche íochtair agus Aalin Clague a tha na tidsear sa Bhunscoill Ghaelgach ann an Eilean Mhanainn, a chur am pròiseact ri chèile, ann an co-chomhairle ri foillsichearan foghlaim, Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig ann an Alba, agus an Áisaonad ann an Èirinn. Tha am pròiseact air a mhaoineachadh agus air a chomasachadh le pròiseact Colmcille aig Foras na Gaeilge mar phàirt de phrògram Colmcille 1500.
Tha Conradh na Gaeilge Boirche Íochtair an dòchas gum bi na postairean rim faighinn tro bhuidhnean foghlaim Gaeilge agus bho bhùthan mar An Ceathrú Póilí ann am Béal Feirste aig a bheil bùth air-loidhne.
















