Bidh luchd-còmhnaidh paraiste Arbory ann an Eilean Mhanainn a’ comharrachadh Laa Columb Killey faisg air deireadh an Ògmhios seach air an 9mh mar ann an Èirinn no Alba. Am-bliadhna, tha prògram sònraichte ann gus 1,500 bliadhna bho rugadh an naomh a chomharrachadh. Tha Jeebin, an Lìonra Cànain Manainneach, ag obair còmhla ri Arbory School gus goireasan a chruthachadh a chuidicheas le bhith a’ sealltainn eachdraidh làidir na paraiste le Manainneach.

Tha Cultar Vannin air freagairt ealanta a leasachadh gu Colmcille 1500. Tha Aalin Clague, neach-labhairt Manainneach agus tidsear aig Bunscoill Ghaelgagh air laoidh còisir Y Folliaght (The Secret) Tha dàn a chaidh a thoirt dha Colmcille a’ brosnachadh Marie Clague a sgrìobh na faclan.
Tha an laoidh – Y Folliaght (The Secret) – a’ bruidhinn de thuras Chaluim Chille thar nan cuantan, a’ cnuasachadh air na seallaidhean agus na fuaimean ùra, san t-saoghal mun cuairt air. Chaidh clàradh de chòisir Gàidhlig Manainneach Caarjyn Cooidjagh a dhèanamh le Stiùidio Clàraidh Ballagroove. Cluinnidh tu an laoidh agus leugh na faclan an seo . Thèid a leigeil ma sgaoil le bhidio anns a bheil ìomhaighean brèagha de Eilean Mhanainn gu math luath air www.culturevannin.im
Tha Gaelg21 Lìonra Cànain Mhanainn mar chomharrachadh air a h-uile càil Manainneach (9 Ògmhios-9 Iuchar) agus tha e cuideachd na tabhartas do Colmcille 1500.
Tuilleadh fiosrachaidh mu Gaelg21 an seo .


