• Skip to primary navigation
  • Skip to main content
  • Gàidhlig
    • Gaeilge
    • English (Beurla)
Colmcille 1500 Logo - full colour - large - PNG

Colmcille

Colmcille

  • Dachaigh
  • Mu Dheidhinn
  • Naidheachdhan
  • Maoineachadh
  • Slighe Chaluim Chille
  • Goireasan
    • Sgeulachdan Colmcille
    • Foghlam
  • Cuir Fios
  • Show Search
Hide Search

7 pìosan ealain ùra mar phàirt den 1500mh ceann-bliadhna bho rugadh Colmcille

Brian Ó hEadhra · 26 An Giblean 2021 ·

Tha Acadamaidh Rìoghail na h-Èireann air seachd pìosan ealain ùra a bharrantachadh, le taic bho Roinn nan Cùisean Cèin. Tha na coimiseanan sin anns na h-ealain lèirsinneach, ceòl agus litreachas. Tha iad nam pàirt den phrògram cuimhneachaidh ioma-thaobhach a chuir an Acadamaidh air dòigh gus ceann-bliadhna mòr Colmcille, a rugadh 1500 bliadhna air ais ann an Gartan, Dùn nan Gall, a chomharrachadh.

Thèid na coimiseanan a dhèanamh leis an luchd-ealain a leanas:

• Timothy O’Neill, prìomh làmh-sgrìobhaiche. Cruthaichidh e obair ealain a chomharraicheas Colmcille mar làmh-sgrìobhaiche agus a bhuaidh air traidisean nan làmh-sgrìobhainnean.

• Róisín de Buitléar, a tha air duaisean a chosnadh airson a cuid obair-ealain glainne. Bidh am pìos deilbheadh glainne aice a’ freagairt creideas Colmcille gu bheil ‘trì diofar dhòighean ann gus daoine a thoirt gu creideamh’.

• Julie Fowlis, Éamon Doorley, Zoë Conway agus John McIntyre, luchd-ciùil le cliù eadar-nàiseanta. Cumaidh iad òran ùr ri chèile, le brosnachadh mac-meanmnach bho bheatha agus obair Cholmille.

• Biddy Jenkinson, bàrd is sgrìobhadair dràma ainmeil Èireannach. Bidh i a’ sgrìobhadh dealbh-chluich leis an ainm ‘Í’ anns a bheil Colmcille air a nochdadh air an dà theine sa Chèitean nuair a bha e gu bhith a’ dèanamh cho-dhùnaidhean mòra na bheatha.

• Proinsias Mac a’ Bhaird, sgrìobhadair torrach Gaeilge. Bidh e a’ cur ri chèile nobhail a tha a’ smaoineachadh air òige Colmcille ann an Èirinn agus na suidheachaidhean a thug air eilthireachd a dhèanamh gu Eilean Ì.

• Sandaidh Dhòmhnallach Jones, bàrd na Gàidhlig bhon a’ Mhòid leis An Comunn Gàidhealach. Bidh i ag obair air sreath de dhàin stèidhichte air eòlasan beatha Colmcille agus buaidh a dhualchas.

• Sìm Ó Faoláin, bàrd tàlantach Èireannach. Bidh e a’ dèanamh sreath de dhàin stèidhichte air diofar amannan ann am beatha Colmcille agus na tomhasan eadar-dhealaichte den dualchas aige.

Tha dùil ris na h-obraichean ealain timcheall air latha fèill Naomh Columba, 9 Ògmhios, agus bidh iad air an taisbeanadh gu poblach nas fhaide air a’ bhliadhna. Tha Acadamaidh Rìoghail na h-Èireann cuideachd ag eagrachadh sreath de dh’òraidean poblach air taobhan de dhualchas Colmcille as t-fhoghar, le taic bhon chompàirteachas Èireannach-Albannach

Uncategorized @gd

Cuir fios thugainn

Cuir Fios Thugainn

Èirinn

Foras na Gaeilge
2-6 Sràid na Banrighinn, Beul Feirste,
BT1 6ED
028 9089 0970


Alba

Bòrd na Gàidhlig
Taigh a' Ghlinne Mhòir, Inbhir Nis,
IV3 8NW
+44 (0)1463 225454

Bruidhinn rinn

Bruidhinn rinn

Tha sinn a' cur fàilte air beachdan agaibh agus bu mhath leinn fios fhaighinn air pròiseactan is tachartasan agaibh.

#colmcille #colmcille1500



© Colmcille 2026