Chaidh Féile na Gealaí a stèidheachadh ann an 2016 mar fhèis campachaidh do luchd-labhairt na Gaeilge gus ceòl, gach seòrsa ealain agus cultar Èireannach adhartachadh ann an dòigh ùr agus ùr-ghnàthach.
Bha e na amas dhaibh cuideachd, gun deidheadh ceanglaichean a stèidheachadh le buidhnean, daoine agus luchd-ealain a bhruidhneadh Gàidhlig na h-Alba agus a bhiodh deònach pàirt a ghabhail ann an tachartasan na fèise. Seo cuid den luchd-ealain Albannach a tha air pàirt a ghabhail san fhèis gu ruige seo: Niteworks, Griogair Labhraidh, Sian, Trail West agus Whyte. Tha ùidh mhòr aig luchd-èisteachd na h-Èireann ann a bhith a’ measgachadh seinn eileagtronaigeach agus sean-nòs le Niteworks, mar eisimpleir. Chan eil fèis làn-Ghàidhlig ann an Alba an-dràsta agus tha e a’ còrdadh ri luchd-labhairt na Gàidhlig a bhios a’ frithealadh na fèise gu mòr.
Bidh an fhèis a’ ruith thairis air 3 latha san Iuchar. Tha àite campachaidh ann gu sònraichte airson teaghlaichean le clann òga agus tha measgachadh farsaing de thachartasan air a thoirt seachad don bhuidhinn aoise sin a-mhàin. Is e Fèis na Gealaí an aon fhèis ciùil Gaeilge ann an Èirinn an-dràsta.
Ged a tha an fhèis ag amas gu sònraichte air ceòl Gàidhlig na h-Èireann agus na h-Alba, cuideachd ann am prògram na fèise tha: bàrdachd, yoga, dannsa, bùthan-obrach ann an ionnsachadh Gaeilge is Gàidhlig agus bùthan-obrach seinn.
A’ Buannachadh Dhuaisean
Tha fàs mòr air a bhith aig an fhèis gach bliadhna bho chaidh a stèidheachadh agus tha an fhèis air ‘Fèis na Bliadhna’ a bhuannachadh ann an 2017 agus 2018. Is e duais a tha seo leis an iris air-loidhne Gaeilge ‘Nós’, agus tha na buannaichean air an taghadh le bhòt poblach.
Tha an fhèis seo na deagh eisimpleir den obair mhath a tha a’ dol air adhart, gus càirdeas a bhrosnachadh eadar luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Alba agus gus àrd-ùrlar a sholarachadh airson ceòl ùr ann an Gàidhlig is Gaeilge.