Loading Events

« All Events

  • This event has passed.

Colmcille@1500: Prògram de dh’òraidean ann an Gàidhlig agus ann an Gaeilge

An Dàmhair 2, 2021 @ 2:00 f - 5:00 f UTC+0

Feasgar Disathairne 2 an Dàmhair bidh prògram de dh’òraidean  aig Comunn Gàidhlig Ghlaschu a’ comharrachadh 1500 bliadhna bho rugadh Naomh Calum Cille.

Bidh an tachartas gu tur ann an Gàidhlig agus ann an Gaeilge, le trì òraid anns gach cànain, agus òraidichean gu math intinneach.

Tha a’ cho-labhairt air a cur air dòigh aig Comunn Gàdihlig Ghlaschu ann an compàirt ri Conradh na Gaeilge, Glaschú agus le An Lòchran, buidhinn Gàidhlig air a’ bhaile ri taic bho phrògram Colmcille. Is iad Aonghas Mac Coinnich Ollscoil Ghlaschu agus Evin Downey, Conradh na Gaeilge a bhios a’ cur an tachartais an láthair, agus bidh geàrr-chunntas ri fhaighinn anns an dà Ghàidhlig air gach óráid.

2.00. Fàilte.

2.05
An Dr Geraldine Parsons, (O. Ghlaschu), Colm Cille agus Fionn mac Cumhaill: spéis sa naomh sa Luath-Fhiannaíocht (an Gaeilge)
An Dr Brian Lacey, Colmcille: An Oidhreacht Seandálaíochta (an Gaeilge)
An t-Oll. Lillis Ó Laoire, Colmcille i mBéaloideas na hÉireann le béim speisialta ar Thír Chonaill (an Gaeilge)
Ceistean an Gaeilge is Gàidhlig

Copa tì/ fois 3.15-3.30

3.00
An Dr Aonghas MacCoinnich (O. Ghlaschu), Ceanglaichean Ruairidh Mòr MhicLeòid na Hearadh ri Èirinn,
c. 1590-1626 (ann an Gàidhlig)

Màrtainn Mac an t-Saoir, Tobar an Dualchais:
MacMhuirich Stadhlaigearraidh am beul nan Daoine [ann an Gàidhlig]

An t-Oll. Conchúr Ó Giollagáin (O. na G. is nan Eilean), Dìleab gun dùil: Sìobhaltachd nan Gàidheal 1500 bliadhna air adhart bho linn Cholm Cille (an Gàidhlig)

Tha barrachd fiosrachaidh agus ceangal zoom ri fhaighinn ag
https://comannghlaschu.wordpress.com/, agus bidh facal faire ri fhaighinn ansin ron tachartas fèin

Details

Date:
An Dàmhair 2, 2021
Time:
2:00 f - 5:00 f UTC+0
Website:
https://comannghlaschu.wordpress.com/2021/09/22/colmcille-1500/

Venue

Online