A’ tòiseachadh san Dùbhlachd 2020, bidh tachartasan cuimhneachaidh fad bliadhna ann a’ comharrachadh breith 1500 bliadhna air ais de naomh Colmcille no Columba san t-6mh linn. Tha an naomh agus a dhìleab bheairteach air cumadh a thoirt air cànan, cultar agus eachdraidh na h-Èireann, na h-Alba agus ceann a tuath Shasainn. Tha an dìleab fhathast a’ dol thairis air crìochan agus a’ brosnachadh co-obrachadh, gu sònraichte ann an traidiseanan Gàidhlig na h-Alba, na h-Èireann agus Eilean Mhanainn.
Is e 7 Dùbhlachd an co-latha-breith traidiseanta aig Colmcille agus mairidh an comharrachadh fad-bhliadhna eadar 7 Dùbhlachd 2020 agus 7 Dùbhlachd 2021. Tha sinn an dòchas gun lean na càirdeasan agus na com-pàirteachasan a chaidh a chruthachadh thar na bliadhna orra a’ fàs mar dheagh dhìleab den chomharrachadh a tha seo.
Ge brith mar a roghnaicheas tu dìleab Cholmcille a chomharrachadh tha sinn an dòchas gun co-roinn thu do sgeulachd leis an t-saoghal tro dhiofar shianalan air na meadhanan sòisealta, air an làraich-lìn seo agus tro bhith a’ cleachdadh suaicheantas Colmcille 1500 (faic gu h-ìosal).
Tha sinn gur brosnachadh gus a dhol an sàs leis na cànanan Gàidhlig anns na gnìomhan sin, oir b’ i a’ Ghàidhlig an cànan a bhruidhinn Calum Cille agus a luchd-leanmhainn agus tha i na dìleab chudromach a thug buaidh mhòr air sluagh nar n-eileanan.
Brandadh Colmcille 1500

Tha fàilte oirbh suaicheantas agus brannd Colmcille 1500 a luchdadh a-nuas bhon phasgan Dropbox seo agus a chleachdadh gus bliadhna Colmcille 1500 a chomharrachadh agus adhartachadh. Dh’iarramaid gun leugh thu an stiùireadh an toiseach agus gun cum thu ris. Cleachd an hashtag #colmcille1500 anns a h-uile iomairt agus tachartas meadhanan sòisealta.

Suaicheantas airson ainm-sgrìobhte post-d
Seo an suaicheantas le cinn-latha airson do ainm-sgrìobhte post-d. Faodaidh tu a luchdachadh sìos an seo.