• Skip to primary navigation
  • Skip to main content
  • Gàidhlig
    • English (Beurla)
    • Gaeilge (Gaeilge)
Colmcille 1500 Logo - full colour - large - PNG

Colmcille

Colmcille

  • Dachaigh
  • Mu Dheidhinn
  • Naidheachdhan
  • Maoineachadh
  • Slighe Chaluim Chille
  • Goireasan
    • Sgeulachdan Colmcille
    • Foghlam
  • Cuir Fios
  • Show Search
Hide Search

Beul-aithris Chaluim Cille le Gearóidín Breathnach

Aodh Mac Ruairí · An Dùbhlachd 3, 2021 ·

Beul-aithris Chaluim Cille le Gearóidín Breathnach

Tha àite air leth aig Calum-Cille ann am beul-aithris na h-Èireann agus na h-Albann. Ri linn sin, dh’iarr Foras na Gaeilge air an sgeulaiche iomraiteach Gearóidín Breathnach agus air LIGID TV Productions sreath de bhidiothan goirid a dhèanamh, Seanchas Cholmcille, mar phàirt de Cholmcille 1500. Anns gach bhidio, tha Gearóidín Breathnach a’ gabhail cuairt do dh’àite ann an Tìr Chonaill a tha co-cheangailte ris an naomh, agus bidh i ag innse sgeul agus seanchas an àite uime:

  1. Breith Chaluim Chille
  2. Tobar Eithne, An Tearmann agus áite-breith Chaluim-Chille
  3. Mar a fhuair Calum-Cille ainm
  4. Crois Ráithe agus a’ Chrois Mhòr
  5. Turas agus Tobar Chaluim-Chille ann an Gartán
  6. Mar a fhuair Abhainn na Leanainne a h-ainm

Gheibhear fo-thiotalan airson nam bhiodiothan ann an Gaeilge na h-Èirean, ann an Gàidhlig na h-Albann agus ann am Beurla, agus faodar an coimhead gun fo-thiotalan cuideachd.

’S ann à teaghlach cliùiteach sheanchaidhean ann an Rann na Feirste, air taobh an iar Thìr Chonaill, a tha Gearóidín. Bhuannaich i dà thuras an Corn Uí Riada, a’ cho-fharpais as motha airson seinn san t-seann nós aig Oireachtas na Gaeilge, a bharrachd air an duais as motha airson seanchas. Tha an duais sin air ainmeachadh an dèidh a h-athar, Neidí Frainc Mac Grianna, a bhrosnaich a gràdh seanchais air thoiseach. Tha Gearóidín air iomadh bliadhna a chaitheamh a’ cur air adhart seanchas agus seinn san t-seann nòs am measg dhaoine òga, agus tha àite cudromach aice ann an ceòl is seanchas dùthchasach Thìr Chonaill.

Gearóidín Breathnach

Tha an ceòl leis an aithnichear an sreath a’ tighinn às an òran Ainnir Dheas na gCiabhfholt Donn (Gruagach Grinn nan Ciabhan Donn), air a sheinn le seinneadair eile à Rann na Feirste, Aodh Mac Ruairí. Tha comhairle Chaluim-Chille ga innse san rann seo, agus cluinnear an rann iomlan aig toiseach a’ chiad bhidio:

Is é ‘dúirt Colm  Cille linn go hIfreann nach dtéid fial

Lucht an tsaibhris go gceileann siad a bpáirt mhór le Dia

’S nach mór an tubaiste d’aon duine a ndearnadh riamh

‘Oiread a chruinniú is a choinneodh as Parthas é.

translation

’S e thuirt Calum-Cille rinn do dh’ifrinn nach tèid am fial

Luchd an t-saidhbhreis gun ceil iad orra am pàirt mhòr le Dia

Nach mòr an tubaist do dh’aon duine a dhèanadh riamh

Uiread a chruinneachadh ’s a chùmadh à Pàrras e.

    Uncategorized @gd

    Cuir fios thugainn

    Cuir Fios Thugainn

    Èirinn

    Foras na Gaeilge
    2-6 Sràid na Banrighinn, Beul Feirste,
    BT1 6ED
    028 9089 0970


    Alba

    Bòrd na Gàidhlig
    Taigh a' Ghlinne Mhòir, Inbhir Nis,
    IV3 8NW
    +44 (0)1463 225454

    Bruidhinn rinn

    Bruidhinn rinn

    Tha sinn a' cur fàilte air beachdan agaibh agus bu mhath leinn fios fhaighinn air pròiseactan is tachartasan agaibh.

    #colmcille #colmcille1500



    © Colmcille 2022