• Skip to primary navigation
  • Skip to main content
  • Gàidhlig
    • English (Beurla)
    • Gaeilge (Gaeilge)
Colmcille 1500 Logo - full colour - large - PNG

Colmcille

Colmcille

  • Dachaigh
  • Mu Dheidhinn
  • Naidheachdhan
  • Maoineachadh
  • Slighe Chaluim Chille
  • Goireasan
    • Sgeulachdan Colmcille
    • Foghlam
  • Cuir Fios
  • Show Search
Hide Search

Brian Ó hEadhra

Bàird an Latha An-diugh: Le Sruth Líonta

Brian Ó hEadhra · An t-Iuchar 27, 2020 ·

Fèis Ealain Earagail, Colmcille & Eoghan Mac Giolla Bhríde a’ cuir an làthair… Bàird an Latha An-diugh: Le Sruth Líonta

Nach tig sibh còmhla rinn air turas-cuain air curach na fèise. Bidh Eoghan Mac Giolla Bhríde a’ tarraing nan ràmh ‘s e a’ stiùireadh na slighe dhuinn. Còmhla ri chèile thèid sinn air turas le bàird agus luchd-ealain à cladaichean na h-Alba ‘s na h-Èireann. Còmhla rinn tarsainn nan tonn bidh na bàird Ròna Dhòmhnallach, Máire Dinny Wren, Rody Gorman agus GilleBrìde MacIlleMhaoil cho math ris an neach-ealain Kim Sharkey. Comharrachadh farsaing air an Lìon den mhuir agus den ealain a tha gar toirt còmhla. Feuch am bi sibh leinn air a’ bhòidse bhàrdail seo.

Bidh Fèis Ealain Earagail, prìomh thachartas samhraidh Dhùn nan Gall a’ toirt thugaibh fèis dhùmhlaichte ath-shamhlaichte de Srutháin (Sruthan Beaga), 9 gu 26 Iuchar, sreath 18-latha de thaisbeanaidhean air-loidhne agus rèidio, ealain eadar-ghnìomhach, clasaichean àrd-ìre, agus theatre pop-up.

Foras na Gaeilge agus Bòrd na Gàidhlig a’ cur làrach-lìn Colmcille ùr air bhog

Brian Ó hEadhra · An Cèitean 26, 2020 ·

Tha Foras na Gaeilge agus Bòrd na Gàidhlig fìor thoilichte làrach-lìn ùr a chur air dòigh airson prògram Cholmcille, a tha a’ ceangal Èirinn is Alba.  Thèid an làrach-lìn ùr a chur air bhog air 9 Ògmhios, Latha Fhèill Chaluim Chille. Air an làrach-lìn, chithear an suaicheantas ùr aig Colmcille, am prògram com-pàirteachais a tha a’ ceangal Gàidhlig na h-Alba agus na h-Èireann. Tha an làrach, a tha air a ruith leis an dà bhuidhinn, ri faighinn ann an Gaeilge, Gàidhlig agus Beurla agus tha i co-fhillte le seanailean nam meadhanan sòisealta.

Continue Reading

Dè th’ ann an Iomain Cholmcille?

Brian Ó hEadhra · An Cèitean 18, 2020 ·

Thòisich Iomain Cholmcille le aon gheama iomain eadar club à Èirinn Cumann Micheal Breathnach agus cruinneachadh de chluicheadairean Albannach anns an Òban ann an 2007.

Aig cridhe an tachartais bha cànan nan Gàidheal. Dh’fheumadh Gàidhlig no Gaeilge a bhith aig gach neach air a’ phàirc agus dh’fheumadh iad a cleachdadh cuideachd. Chòrd e gu math ris a h-uile neach ach cha b’ e sin deireadh na sgeòil.

Às dèidh a’ chiad gheama sin anns an Òban, tha am pròiseact air fàs gu mòr thairis air dusan farpais ann an Conamara, an t-Eilean Sgitheanach, Dùn nan Gall, Glaschu agus An Gearasdan.

Ann an 2015 thòisich farpais nam bàn agus an Còrn Sgàthach, agus tha farpaisean òigridh air a bhith ann bhon a thòisich an rud. Tha coidseadh air a thoirt seachad mar as trice leis an sgioba a tha a’ tadhal air an dùthaich sa bheil an fharpais agus tha seo a’ togail misneachd nan daoine.

Tha deagh ìre de chluich aig na geamannan seo, le cluicheadairean le Gàidhlig a tha air cluich aig an ìre as àirde den gheama a’ cluich còmhla ri feadhainn o na clubaichean nas lugha. Tha i air tòrr luchd-amhairc a tharraing agus tha cliù mòr aice mar shealladh anabarrach math ge b’ e far an tèid a cumail.

Tha ceòl agus craic glè chudromach dhan ghnothach cuideachd, agus tha iomadh cèilidh mhath air a bhith aig gach farpais le cluicheadairean agus oifigearan a’ faighinn a’ chothruim bruidhinn ri chèile agus ionnsachadh o chèile.

Na Buannachdan

Tha buannachd Iomain Cholmcille a’ leantainn le ceanglaichean gan neartachadh eadar Gàidheil taobh a-staigh gach dùthaich agus eadar an dà dhùthaich, le càirdeasan làidir air an togail thar nam bliadhnaichean.

Tha cleachdadh na Gàidhlig agus togail misneachd aig cridhe a h-uile càil a nì Iomain Cholmcille. Tha i a’ toirt cothrom agus àite do dhaoine òga le ùidh ann an spòrs nan Gàidheal a bhith a’ cur an cuid chànainean gu feum ann an suidheachadh spòrsail, neo-fhoirmeil làn spionnadh is brosnachadh.

Ann an Alba, tha Iomain Cholmcille (Alba) cuideachd ag obair le taic o Bhòrd na Gàidhlig airson inbhe na Gàidhlig ann an camanachd a thogail, le farpaisean òigridh agus tachartasan coimhearsnachd.

  • « Go to Previous Page
  • Go to page 1
  • Go to page 2
  • Go to page 3
  • Go to page 4

Cuir fios thugainn

Cuir Fios Thugainn

Èirinn

Foras na Gaeilge
2-6 Sràid na Banrighinn, Beul Feirste,
BT1 6ED
028 9089 0970


Alba

Bòrd na Gàidhlig
Taigh a' Ghlinne Mhòir, Inbhir Nis,
IV3 8NW
+44 (0)1463 225454

Bruidhinn rinn

Bruidhinn rinn

Tha sinn a' cur fàilte air beachdan agaibh agus bu mhath leinn fios fhaighinn air pròiseactan is tachartasan agaibh.

#colmcille #colmcille1500



© Colmcille 2022