• Skip to primary navigation
  • Skip to main content
  • Gàidhlig
    • English (Beurla)
    • Gaeilge (Gaeilge)
Colmcille 1500 Logo - full colour - large - PNG

Colmcille

Colmcille

  • Dachaigh
  • Mu Dheidhinn
  • Naidheachdhan
  • Maoineachadh
  • Slighe Chaluim Chille
  • Colmcille 1500
    • Tachartasan
    • Goireasan
      • Sgeulachdan Colmcille
      • Foghlam
    • Cuspairean
  • Cuir Fios
  • Show Search
Hide Search

Aodh Mac Ruairí

Sgeamaichean Chaluim Chille Fosgailte

Aodh Mac Ruairí · Am Màrt 15, 2022 ·

Sgeama Bursaraidh Chaluim Chille

Sgeama Tabhartasan Beaga Chaluim Chille

Sgeama Tabhartasan Chaluim Chille

Beul-aithris Chaluim Cille le Gearóidín Breathnach

Aodh Mac Ruairí · An Dùbhlachd 3, 2021 ·

Beul-aithris Chaluim Cille le Gearóidín Breathnach

Tha àite air leth aig Calum-Cille ann am beul-aithris na h-Èireann agus na h-Albann. Ri linn sin, dh’iarr Foras na Gaeilge air an sgeulaiche iomraiteach Gearóidín Breathnach agus air LIGID TV Productions sreath de bhidiothan goirid a dhèanamh, Seanchas Cholmcille, mar phàirt de Cholmcille 1500. Anns gach bhidio, tha Gearóidín Breathnach a’ gabhail cuairt do dh’àite ann an Tìr Chonaill a tha co-cheangailte ris an naomh, agus bidh i ag innse sgeul agus seanchas an àite uime:

  1. Breith Chaluim Chille
  2. Tobar Eithne, An Tearmann agus áite-breith Chaluim-Chille
  3. Mar a fhuair Calum-Cille ainm
  4. Crois Ráithe agus a’ Chrois Mhòr
  5. Turas agus Tobar Chaluim-Chille ann an Gartán
  6. Mar a fhuair Abhainn na Leanainne a h-ainm

Gheibhear fo-thiotalan airson nam bhiodiothan ann an Gaeilge na h-Èirean, ann an Gàidhlig na h-Albann agus ann am Beurla, agus faodar an coimhead gun fo-thiotalan cuideachd.

’S ann à teaghlach cliùiteach sheanchaidhean ann an Rann na Feirste, air taobh an iar Thìr Chonaill, a tha Gearóidín. Bhuannaich i dà thuras an Corn Uí Riada, a’ cho-fharpais as motha airson seinn san t-seann nós aig Oireachtas na Gaeilge, a bharrachd air an duais as motha airson seanchas. Tha an duais sin air ainmeachadh an dèidh a h-athar, Neidí Frainc Mac Grianna, a bhrosnaich a gràdh seanchais air thoiseach. Tha Gearóidín air iomadh bliadhna a chaitheamh a’ cur air adhart seanchas agus seinn san t-seann nòs am measg dhaoine òga, agus tha àite cudromach aice ann an ceòl is seanchas dùthchasach Thìr Chonaill.

Gearóidín Breathnach

Tha an ceòl leis an aithnichear an sreath a’ tighinn às an òran Ainnir Dheas na gCiabhfholt Donn (Gruagach Grinn nan Ciabhan Donn), air a sheinn le seinneadair eile à Rann na Feirste, Aodh Mac Ruairí. Tha comhairle Chaluim-Chille ga innse san rann seo, agus cluinnear an rann iomlan aig toiseach a’ chiad bhidio:

Is é ‘dúirt Colm  Cille linn go hIfreann nach dtéid fial

Lucht an tsaibhris go gceileann siad a bpáirt mhór le Dia

’S nach mór an tubaiste d’aon duine a ndearnadh riamh

‘Oiread a chruinniú is a choinneodh as Parthas é.

translation

’S e thuirt Calum-Cille rinn do dh’ifrinn nach tèid am fial

Luchd an t-saidhbhreis gun ceil iad orra am pàirt mhòr le Dia

Nach mòr an tubaist do dh’aon duine a dhèanadh riamh

Uiread a chruinneachadh ’s a chùmadh à Pàrras e.

    Seachdain Dualchais Nàiseanta

    Aodh Mac Ruairí · An Lùnastal 12, 2021 ·

    Sreath de naoi òraidean air-loidhne Colmcille 1500 air an cur air dòigh le Seirbheis Leabharlann Dhùn nan Gall le aoighean Dr. Brian Lacey, Christy Gillespie, Donal Mac Polin, Tim Stampton, Paula de Fougerolles agus Joe Brennan. Tha na h-òraidean seo an-asgaidh agus thèid an sgaoileadh air-loidhne air sianal YouTube Comhairle Siorrachd Dhùn nan Gall aig https://www.youtube.com/user/wwwdonegalcocoie/videos Tuilleadh fiosrachaidh aig: www.donegallibrary.ie

    Tuilleadh foisrachadh aig: www.donegallibrary.ie

    Meitheal Cholmcille

    Aodh Mac Ruairí · An t-Iuchar 23, 2021 ·

    MEITHEAL CHOLMCILLE – 8 Lùnastal

    Bidh an neach-ealain eileanach Cathal Mc Ginley a’ cumail pròiseact ealain air Inisdooey mar phàirt de chomharrachadh Colmcille 1500 am-bliadhna. Bidh buaidh aig beul-aithris ionadail air cuspair a’ phròiseict agus an ceangal eadar Colmcille agus naomh Dubhthach ris na h-eileanan ionadail. Bidh clann Club Óige Mhachaire Rabhartaigh còmhla ri Cathal air 30 Iuchar gus crìoch a chur air a’ phròiseact.

    Air 8 Lùnastal bidh taisbeanadh de obair-ealain na cloinne agus Cathal. Bidh cuideachd, turas treòraichte agus turas bàta timcheall air Inis Bó Finne le òrain, sgeulachdan agus biadh is deoch. Tuilleadh @ 087 656 1879

    Féile an Earagail 23 An t-Iuchar ‘Casan Chaluim Chille’

    Aodh Mac Ruairí · An t-Iuchar 2, 2021 ·

    Cosán Choilm Cille ‘Art and Poetry Walk

    Féile an Earagail

    Earagail Arts Festival is a multidisiplinary summer festival which traditionally takes place in July throughout County Donegal along the Wild Atlantic Way on the north-west coast of Ireland.

    As part of this year’s festival is ‘Cosan Choilm Cille – Art and Poetry Walk’ – a production by ‘The Newage Bards’ under the stewardship of Eoghan Mac Giolla Bhríde.

    Nach tig thu air sgrìob le sgrìobhadairean is luchd-ealain à Èirinn is Alba gu bàrr Chnoc nan Naomh. Far am faic thu agus an cluinn thu saothair air a cruthachadh a dh’aon ghnothach airson an tachartais seo air a’ bhlàr a-muigh. Tha an tachartas na chomharrachadh air a’ cheangal a th’ aig Calum Cille ris an sgìre agus ris an dà dhùthaich. Bidh an t-saothair-ealain ga taisbeanadh air a’ chasan agus na sgeulachdan is na dàin rin cluinntinn ann an cuideachd nam bàrd Èireannach is Albannach. Seo cothrom mìorbhaileach saothair-ealain ùr fhaicinn agus bàrdachd bheò a chluinntinn air a’ bhlàr a-muigh le seallaidhean àlainn air an Earagail, air monaidhean Dhoire Beithe agus air Eilean Thoraigh air cùl-fraoin.

    • Deora Cholmcille
    • Colmcille

    Saothair-ealain bhon luchd-ealain Seán Ó Flaithearta, Kim Sharkey, Derek Robertson agus Norman Shaw.

    Sgrìobhadh ùr le Meg Bateman, Rody Gorman, Dairena Ní Chinnéide agus Eoghan Mac Giolla Bhríde.

    Thèid leabhran-cuimhneachain leis na faclan is na h-ìomhaighean a thoirt dhan a h-uile an sàs anns an turas.

    Tuilleadh fiosrachadh: https://eaf.ie/events/cosan-choilm-cille/

       

      Cuir fios thugainn

      Cuir Fios Thugainn

      Èirinn

      Foras na Gaeilge
      2-6 Sràid na Banrighinn, Beul Feirste,
      BT1 6ED
      028 9089 0970


      Alba

      Bòrd na Gàidhlig
      Taigh a' Ghlinne Mhòir, Inbhir Nis,
      IV3 8NW
      +44 (0)1463 225454

      Bruidhinn rinn

      Bruidhinn rinn

      Tha sinn a' cur fàilte air beachdan agaibh agus bu mhath leinn fios fhaighinn air pròiseactan is tachartasan agaibh.

      #colmcille #colmcille1500



      © Colmcille 2022